1 Samuel 1 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 A‑nis bha duine àraidh o Ramataim-sophim, o shliabh Ephraim, agus b’e a ainm Elcanah, mac Ierohaim, mhic Elihu, mhic Thohu, mhic Shuph, Ephratach. 2 Agus bha dithis bhan aige: ainm mnà dhiubh Hanah, agus ainm na mnà eile Peninah. Agus aig Peninah bha clann, ach aig Hanah cha robh clann. 3 Agus thàinig an duine seo a‑nìos as a bhaile gach bliadhna, a dhèanamh adhraidh agus a dh’ìobradh do Thighearna nan sluagh ann an Siloh: agus bha dà mhac Eli, Hophni agus Phinehas, sagartan an Tighearna, an sin. 4 Agus nuair a thàinig an t‑àm anns an d’ìobair Elcanah, thug e da mhnaoi Peninah, agus da mic uile agus da nigheanan, cuibhreannan. 5 Ach do Hanah thug e cuibhreann dhùbailte; oir ghràdhaich e Hanah; ach dhruid an Tighearna a brù. 6 Agus bhrosnaich a h‑eascaraid i mar an ceudna gu feirg, a thoirt oirre gearan a dhèanamh, a chionn gun do dhruid an Tighearna a brù. 7 Agus mar sin rinn e gach bliadhna nuair a thàinig i a‑nìos do thaigh an Tighearna, mar sin bhrosnaich i i. Uime sin ghuil i, agus chan itheadh i. 8 An sin thubhairt Elcanah a fear rithe, A Hanah, carson a tha thu a’ gul? Agus carson a tha do chridhe air a chràdh? Nach fheàrr mise dhut na deich mic? 9 Agus dh’èirich Hanah suas an dèidh dhaibh ithe ann an Siloh, agus an dèidh dhaibh òl: (a‑nis bha Eli an sagart na shuidhe air cathair làimh ri ursainn ann an teampall an Tighearna:) 10 Agus bha i air a cràdh na h‑anam, agus rinn i ùrnaigh ris an Tighearna, agus ghuil i gu goirt. 11 Agus bhòidich i bòid, agus thubhairt i, O Thighearna nan sluagh, ma dh’amhairceas tu da‑rìribh air àmhghar do bhanoglaich, agus gun cuimhnich thu orm, agus nach dìochuimhnich thu do bhanoglach, ach gun toir thu dod bhanoglaich leanabh gille, an sin bheir mi e don Tighearna rè uile làithean a bheatha, agus cha tèid ealtainn air a cheann. 12 Agus nuair a bhuanaich i ri ùrnaigh an làthair an Tighearna, thug Eli fanear a beul. 13 A‑nis bha Hanah a’ labhairt na cridhe; bha a bilean a‑mhàin a’ gluasad, ach cha chualas a guth: uime sin shaoil Eli gu robh i air mhisg. 14 Agus thubhairt Eli rithe, Cia fhada a bhios tu air mhisg? Cuir air falbh d’fhìon uat. 15 Agus fhreagair Hanah agus thubhairt i, Chan eadh, mo thighearna; is bean mise a tha tùirseach am spiorad; aon chuid fìon no deoch làidir cha d’òl mi, ach dhòirt mi a‑mach m’anam an làthair an Tighearna. 16 Na meas do bhanoglach mar nighean do Bhelial: oir is ann à ro‑mheud mo ghearain agus mo dhoilgheis a labhair mi gus a‑nis. 17 An sin fhreagair Eli agus thubhairt e, Imich ann an sìth: agus gun tugadh Dia Israeil dhut d’iarrtas a dh’iarr thu air. 18 Agus thubhairt ise, Faigheadh do bhanoglach deagh-ghean ad shùilean. Agus dh’imich a’ bhean roimhpe, agus dh’ith i, agus cha robh a gnùis na b’fhaide dubhach. 19 Agus dh’èirich iad gu moch anns a’ mhadainn, agus rinn iad adhradh an làthair an Tighearna, agus thill iad, agus thàinig iad a dh’ionnsaigh an taighe gu Ramah: agus dh’aithnich Elcanah a bhean Hanah, agus chuimhnich an Tighearna oirre. 20 Uime sin thàrladh, nuair a thàinig an t‑àm mun cuairt, an dèidh do Hanah fàs torrach, gun do rug i mac; agus thug i Samuel mar ainm air, ag ràdh, Do bhrìgh gun d’iarr mi e air an Tighearna. 21 Agus chaidh an duine Elcanah, agus a thaigh uile, suas a dh’ìobradh don Tighearna na h‑ìobairt bhliadhnail, agus a choileanadh a bhòide. 22 Agus cha deachaidh Hanah suas; oir thubhairt i ra fear, Cha tèid mise suas gus an cuirear an leanabh bhàrr na cìche, agus an sin bheir mi leam e, a‑chum gun taisbeanar e am fianais an Tighearna, agus gum fan e an sin gu bràth. 23 Agus thubhairt Elcanah a fear rithe, Dèan mar as math leat; fan gus an cuir thu bhàrr na cìche e; a‑mhàin daingnicheadh an Tighearna a fhacal. Agus dh’fhan a’ bhean, agus thug i cìoch da leanabh, gus an do chuir i bhàrr na cìche e. 24 Agus nuair a chuir i bhàrr na cìche e, thug i suas leatha e, maille ri trì-bhliadhnach tairbh, agus aon ephah de mhin mhìn, agus searrag fhìona, agus thug i e do thaigh an Tighearna ann an Siloh: agus bha an leanabh òg. 25 Agus mharbh iad an tarbh, agus thug iad an leanabh a dh’ionnsaigh Eli. 26 Agus thubhairt i, Mo thighearna, mar as beò d’anam, mo thighearna, is mise a’ bhean a sheas làimh riut an seo a’ dèanamh ùrnaigh ris an Tighearna. 27 Airson an leinibh seo rinn mi ùrnaigh; agus thug an Tighearna dhomh m’iarrtas a dh’iarr mi air: 28 Agus uime sin thug mi seachad gu saor e don Tighearna: rè uile làithean a bheatha thugadh seachad e don Tighearna. Agus rinn e adhradh don Tighearna an sin. |