1 Rìgh 5 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus chuir Hiram, rìgh Thìruis, a sheirbhisich a dh’ionnsaigh Sholaimh, nuair a chuala e gun d’ungadh e na rìgh an àit a athar: oir bha spèis aig Hiram do Dhaibhidh rè a uile làithean. 2 Agus chuir Solamh fios gu Hiram, ag ràdh, 3 Tha fhios agad cionnas nach b’urrainn m’athair Daibhidh taigh a thogail do ainm an Tighearna a Dhia, airson a’ chogaidh leis an do chuartaich a naimhdean e, gus an do chuir an Tighearna iad fo bhonnan a chas. 4 Ach a‑nis thug an Tighearna mo Dhia fois dhòmhsa air gach taobh: chan eil nàmhaid air bith ann, no droch thuiteamas. 5 Agus, feuch, tha mi a’ cur romham taigh a thogail do ainm an Tighearna mo Dhia, mar a labhair an Tighearna rim athair Daibhidh, ag ràdh, Do mhac a chuireas mise ann ad àit air do rìgh-chathair, togaidh esan taigh dom ainm-sa. 6 A‑nis uime sin, àithn thusa gun geàrr iad dhòmhsa craobhan seudair à Lebanon; agus bidh mo sheirbhisich-sa maille rid sheirbhisich-sa: agus tuarasdal do sheirbhiseach bheir mise dhut, a rèir gach nì a dh’ainmicheas tu: oir tha fhios agad nach eil nar measg-ne duine don aithne fiodh a ghearradh mar na Sìdonaich. 7 Agus nuair a chuala Hiram briathran Sholaimh, bha aoibhneas mòr air, agus thubhairt e, Guma beannaichte an Tighearna an‑diugh, a thug do Dhaibhidh mac glic os cionn an t‑sluaigh lìonmhoir seo. 8 Agus chuir Hiram fios gu Solamh, ag ràdh, Chuala mi na nithean mun do chuir thu fios am ionnsaigh: nì mi d’uile thoil a‑thaobh nan craobh seudair agus a‑thaobh nan craobh giuthais. 9 Bheir mo sheirbhisich sìos iad o Lebanon a dh’ionnsaigh na mara: agus cuiridh mi air falbh iad nan ràthan air muir, gu ruig an t‑àit a shònraicheas tu dhomh, agus cuiridh mi air tìr iad an sin, agus bheir thusa leat iad; agus nì thu mo riar ann am biadh a thabhairt dom theaghlach. 10 Mar sin thug Hiram do Sholamh fiodh seudair, agus fiodh giuthais, a rèir a uile thoile. 11 Agus thug Solamh do Hiram fichead mìle tomhas cruithneachd mar lòn da theaghlach, agus fichead tomhas de ola fhìorghlain: mar seo thug Solamh do Hiram o bhliadhna gu bliadhna. 12 Agus thug an Tighearna gliocas do Sholamh, mar a gheall e dha: agus bha sìth eadar Hiram agus Solamh, agus rinn iad coicheangal ri chèile. 13 Agus rinn rìgh Solamh togail dhaoine à Israel uile; agus b’i an togail deich-mìle-fichead fear. 14 Agus chuir e iad do Lebanon, deich mìle anns a’ mhìos mu seach: mìos bha iad ann an Lebanon, agus dà mhìos nan taighean fhèin: agus bha Adoniram air ceann na togail. 15 Agus bha aig Solamh deich agus trì-fichead mìle fear-iomchair eallaich, agus ceithir-fichead mìle fear-gearraidh anns a’ bheinn; 16 A thuilleadh air àrd luchd-dreuchd Sholaimh, a bha os cionn na h‑obrach, trì mìle agus trì cheud, aig an robh uachdaranachd air an t‑sluagh a bha a’ dèanamh na h‑obrach. 17 Agus dh’àithn an rìgh, agus thug iad leo clachan mòra, clachan luachmhor, a shuidheachadh bunait an taighe, clachan snaidhte. 18 Agus shnaidh clachairean Sholaimh, agus clachairean Hiraim, agus na gearradairean-chlach iad: mar sin rè trì bliadhna dheasaich iad fiodh agus clachan a thogail an taighe. |