Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

1 Rìgh 2 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 A‑nis thàinig làithean Dhaibhidh am fagas anns am faigheadh e bàs, agus dh’àithn e do Sholamh a mhac, ag ràdh,

2 Tha mise a’ dol air slighe na talmhainn uile: bi thusa uime sin làidir, agus dèan gu fearail:

3 Agus coimhead cùram an Tighearna do Dhia, a dh’imeachd na shlighean, a ghleidheadh a reachdan, agus a àitheantan, agus a bhreitheanais, agus a theisteis, mar a tha e sgrìobhte ann an lagh Mhaois, a‑chum gun soirbhich leat anns gach nì a nì thu, agus anns gach àite don tionndaidh tu thu fhèin;

4 A‑chum gun daingnich an Tighearna a fhacal fhèin, a labhair e dom thaobh-sa, ag ràdh, Ma choimheadas do chlann an slighe, gu imeachd am fhianais-sa ann am fìrinn, len uile chridhe, agus len uile anam, cha bhi (ars esan) duine a dh’easbhaidh ort air rìgh-chathair Israeil.

5 Os bàrr, tha fhios agad ciod a rinn Ioab mac Sheruiah ormsa, agus ciod a rinn e air dà cheannard sluagh Israeil, air Abner mac Neir, agus air Amasa mac Ieteir; oir mharbh e iad, agus dhòirt e fuil a’ chogaidh anns an t‑sìth, agus chuir e fuil a’ chogaidh air a chrios a bha ma leasraidh, agus air a bhrògan a bha air a chasan.

6 Dèan thusa matà a rèir do ghliocais, agus na leig le a cheann liath dol sìos don uaigh ann an sìth.

7 Ach nochd coibhneas do mhic Bharsillai, an Gileadach, agus biodh iad am measg an dream a dh’itheas aig do bhòrd; oir is ann mar seo a thàinig iad am ionnsaigh-sa nuair a theich mi ro Absalom do bhràthair.

8 Agus, feuch, maille riut tha Simei, mac Ghera, Beniàmineach o Bhahurim, a mhallaich mise le mallachadh geur, anns an là anns an deachaidh mi do Mhahanaim: ach thàinig e a‑nuas am choinneamh gu Iòrdan, agus mhionnaich mi dha air an Tighearna, ag ràdh, Cha chuir mi gu bàs leis a’ chlaidheamh thu.

9 A‑nis, matà, na meas neochiontach e: oir is duine glic thu, agus tha fhios agad ciod as còir dhut a dhèanamh ris; ach thoir a cheann liath sìos don uaigh le fuil.

10 An sin chaidil Daibhidh maille ra athraichean, agus dh’adhlaiceadh e ann am baile Dhaibhidh.

11 Agus b’iad na làithean a rìghich Daibhidh os cionn Israeil dà‑fhichead bliadhna: ann an Hebron rìghich e seachd bliadhna, agus ann an Ierusalem rìghich e trì-bliadhna-deug ar fhichead.

12 An sin shuidh Solamh air rìgh-chathair Dhaibhidh a athair, agus dhaingnicheadh a rìoghachd gu mòr.

13 Agus thàinig Adoniah mac Hagit gu Batsèba màthair Sholaimh; agus thubhairt i, An ann an sìth a tha thu a’ teachd? Agus thubhairt esan, Ann an sìth.

14 Thubhairt e os bàrr, Tha nì agam ri ràdh riut. Agus thubhairt ise, Abair romhad.

15 Agus thubhairt esan, Tha fhios agad gum bu leamsa an rìoghachd, agus gun do chuir Israel uile an aghaidh orm, a‑chum gun rìoghaichinn: gidheadh, thionndaidheadh an rìoghachd mun cuairt, agus fhuair mo bhràthair i; oir bu leis-san on Tighearna i.

16 Agus a‑nis, aon athchuinge tha mi ag iarraidh ort, na diùlt mi. Agus thubhairt ise ris, Abair romhad.

17 Agus thubhairt esan, Labhair, guidheam ort, ri Solamh an rìgh (oir cha diùlt e thusa) gun tugadh e dhomh Abisag a’ bhan-Sunamach na mnaoi.

18 Agus thubhairt Batsèba, Ro‑mhath; labhraidh mise air do shon ris an rìgh.

19 Chaidh Batsèba uime sin a dh’ionnsaigh rìgh Solamh, a labhairt ris airson Adoniah. Agus dh’èirich an rìgh suas na coinneamh, agus chrom e e fhèin dhi, agus shuidh e air a rìgh-chathair, agus thug e fa‑near cathair a chur sìos do mhàthair an rìgh; agus shuidh i air a làimh dheis.

20 An sin thubhairt i, Tha mi ag iarraidh aon athchuinge bheag ort; na diùlt mi, guidheam ort. Agus thubhairt an rìgh rithe, Iarr, a mhàthair, oir cha diùlt mi thu.

21 Agus thubhairt ise, Thugar Abisag a’ bhan-Sunamach do Adoniah do bhràthair na mnaoi.

22 Agus fhreagair rìgh Solamh, agus thubhairt e ra mhàthair, Agus carson a dh’iarras tu Abisag a’ bhan-Sunamach do Adoniah? Iarr dha an rìoghachd mar an ceudna; (oir is e mo bhràthair as sine e;) eadhon dhàsan, agus do Abiatar an sagart, agus do Ioab mac Sheruiah.

23 An sin mhionnaich rìgh Solamh air an Tighearna, ag ràdh, Gun dèanadh Dia mar sin riumsa, agus tuilleadh mar an ceudna, mura ann an aghaidh a anama fhèin a labhair Adoniah am facal seo.

24 A‑nis uime sin, mar as beò an Tighearna, a dhaingnich mise, agus a chuir am shuidhe mi air rìgh-chathair Dhaibhidh m’athair, agus a rinn taigh dhomh, mar a labhair e, cuirear Adoniah gu bàs an‑diugh.

25 Agus chuir rìgh Solamh le làimh Bhenaiah mhic Iehoiada, agus bhuail e air, air chor is gun d’fhuair e bàs.

26 Agus ri Abiatar an sagart thubhairt an rìgh, Imich gu Anatot, a dh’ionnsaigh d’fhearainn fhèin, oir tha thu a’ toilltinn a’ bhàis: ach an‑diugh cha mharbh mi thu, a chionn gun do ghiùlain thu àirc an Tighearna Iehòbhah am fianais Dhaibhidh m’athair, agus a chionn gun d’fhuiling thu àmhghar anns gach nì anns an d’fhuiling m’athair àmhghar.

27 Mar seo thilg Solamh a‑mach Abiatar o bhith na shagart don Tighearna, a choileanadh facal an Tighearna, a labhair e a‑thaobh taigh Eli ann an Siloh.

28 An sin thàinig tuairisgeal gu Ioab; (oir thionndaidh Ioab an dèidh Adoniah, ged nach do thionndaidh e an dèidh Absaloim:) agus theich Ioab gu pàillean an Tighearna, agus ghabh e greim de adhaircean na h‑altarach.

29 Agus dh’innseadh do rìgh Solamh gun do theich Ioab gu pàillean an Tighearna, agus gu robh e làimh ris an altair: an sin chuir Solamh uaithe Benaiah mac Iehoiada, ag ràdh, Falbh, buail air.

30 Agus thàinig Benaiah gu pàillean an Tighearna, agus thubhairt e ris, Mar seo tha an rìgh ag ràdh, Thig a‑mach. Agus thubhairt esan, Cha tèid, ach gheibh mi bàs an seo. Agus thug Benaiah sgeul air ais a dh’ionnsaigh an rìgh, ag ràdh, Mar seo labhair Ioab, agus mar seo fhreagair e mi.

31 Agus thubhairt an rìgh ris, Dèan mar a labhair e, agus buail air, agus adhlaic e, a‑chum gun toir thu air falbh an fhuil neochiontach, a dhòirt Ioab, uamsa agus o thaigh m’athar.

32 Agus tillidh an Tighearna a fhuil air a cheann fhèin, do bhrìgh gun do bhuail e air dithis dhaoine a b’ionraice agus a b’fheàrr na e fhèin, agus gun do mharbh e leis a’ chlaidheamh iad, gun fhios dom athair Daibhidh, eadhon Abner mac Neir, ceannard sluagh Israeil, agus Amasa mac Ieteir, ceannard sluagh Iùdah.

33 Tillidh uime sin am fuil-san air ceann Ioaib, agus air ceann a shliochd gu bràth: ach aig Daibhidh, agus aig a shliochd, agus aig a thaigh, agus aig a rìgh-chathair, bidh sìth gu bràth on Tighearna.

34 Agus chaidh Benaiah mac Iehoiada suas, agus bhuail e air, agus mharbh e e: agus dh’adhlaiceadh e na thaigh fhèin anns an fhàsach.

35 Agus chuir an rìgh Benaiah mac Iehoiada na àit os cionn an t‑slòigh: agus Sadoc an sagart chuir an rìgh an àit Abiatair.

36 Agus chuir an rìgh fios, agus ghairm e air Simei, agus thubhairt e ris, Tog dhut fhèin taigh ann an Ierusalem, agus gabh còmhnaidh an sin, agus na falbh a‑mach as a sin taobh sam bith.

37 Oir tachraidh air an là anns an tèid thu a‑mach, agus an gabh thu thar sruth Chidroin, gum faigh thu gu deimhinn bàs: bidh d’fhuil air do cheann fhèin.

38 Agus thubhairt Simei ris an rìgh, Is math an ràdh: mar a labhair mo thighearna, an rìgh, is amhlaidh a nì do sheirbhiseach. Agus ghabh Simei còmhnaidh ann an Ierusalem mòran de làithean.

39 Agus thachair an ceann trì bliadhna gun do theich dà sheirbhiseach le Simei a dh’ionnsaigh Achis, mac Mhaachah, rìgh Ghat: agus dh’innis iad do Shimei, ag ràdh, Feuch, tha do sheirbhisich ann an Gat.

40 Agus dh’èirich Simei, agus chuir e dìollaid air a asail, agus chaidh e do Ghat a dh’ionnsaigh Achis, a dh’iarraidh a sheirbhiseach: agus dh’fhalbh Simei, agus thug e leis a sheirbhisich o Ghat.

41 Agus dh’innseadh do Sholamh gun deachaidh Simei o Ierusalem gu Gat, agus gun tàinig e air ais.

42 Agus chuir an rìgh fios, agus ghairm e air Simei, agus thubhairt e ris, Nach tug mise ortsa mionnachadh air an Tighearna, agus nach tug mi fianais ad aghaidh, ag ràdh, Air an là anns an tèid thu a‑mach, agus am falbh thu taobh sam bith, biodh fhios gu cinnteach agad gum faigh thu gu deimhinn bàs? Agus thubhairt thu rium, Is math am facal a chuala mi.

43 Carson matà nach do ghlèidh thu mionnan an Tighearna, agus an àithne a dh’àithn mise dhut?

44 Thubhairt an rìgh cuideachd ri Simei, Is aithne dhut fhèin gach uile olc air am fiosrach do chridhe, a rinn thu air Daibhidh m’athair-sa: uime sin thill an Tighearna d’olc air do cheann fhèin:

45 Ach bidh rìgh Solamh beannaichte, agus bidh rìgh-chathair Dhaibhidh daingeann am fianais an Tighearna gu bràth.

46 An sin dh’àithn an rìgh do Bhenaiah mac Iehoiada; agus chaidh e a‑mach, agus bhuail e air, agus fhuair e bàs. Agus dhaingnicheadh an rìoghachd ann an làimh Sholaimh.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan