Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

1 Eachdraidh 5 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 A‑nis b’iad mic Reubein, ciad-ghin Israeil (oir b’esan an ciad ghin; ach a chionn gun do thruaill e leabaidh a athar, thugadh a chòir-bhreith do mhic Iòseiph mhic Israeil: agus chan eil na ginealaichean gu bhith air an àireamh a rèir na còir-bhreithe;

2 Oir bhuadhaich Iùdah air a bhràithrean, agus uaithe-san thàinig an t‑àrd-fhear-riaghlaidh, ach bu le Iòseph a’ chòir-bhreith):

3 Mic Reubein, ciad-ghin Israeil: Hanoch, agus Palu, Hesron, agus Carmi.

4 Mic Ioeil: Semaiah a mhac, Gog a mhac-san, Simei a mhac-san,

5 Micah a mhac-san, Reaia a mhac-san, Bàal a mhac-san,

6 Beerah a mhac-san, a thug Tilgat-pilneser, rìgh Asiria air falbh leis: b’esan uachdaran nan Reubeneach.

7 Agus bha a bhràithrean a rèir an teaghlaichean (nuair a dh’àirmheadh an sloinneadh a rèir an ginealaichean), nan cinn-fheadhna, Ieiel, agus Sechariah,

8 Agus Bela mac Asais, mhic Shema, mhic Ioeil, aig an robh a chòmhnaidh ann an Aroer, eadhon gu ruig Nebo, agus Bàal-meon:

9 Agus a làimh na h‑àird an ear, chòmhnaich e gu ruig dol a‑steach an fhàsaich on abhainn Euphràtes; a chionn gun d’fhàs an sprèidh ro‑lìonmhor ann am fearann Ghilead.

10 Agus ann an làithean Shauil rinn iad cogadh ris na Hàgaraich, a thuit len làimh: agus chòmhnaich iad nam bùthan-san air feadh uile aghaidh na h‑àird an ear de Ghilead.

11 Agus chòmhnaich clann Ghad thall fan comhair, ann an tìr Bhasain gu ruig Salcah:

12 Ioel an ceann, agus Saphan a b’fhaisge, agus Iaanai, agus Saphat ann am Basan.

13 Agus b’iad am bràithrean de thaigh an athraichean Michael, agus Mesulam, agus Sèba, agus Iorai, agus Iachan, agus Sia, agus Heber, seachdnar.

14 Is iad sin clann Abihail mhic Huri, mhic Ieroah, mhic Ghilead, mhic Mhichaeil, mhic Iesisai, mhic Iahdo, mhic Bhuis:

15 Ahi mac Abdieil, mhic Ghuni, ceann-taighe an athraichean.

16 Agus ghabh iad còmhnaidh ann an Gilead, ann am Basan, agus na bhailtean, agus ann an uile fhearann cho-roinn Shàroin, air an crìochan.

17 Dh’àirmheadh iad sin uile le sloinnteireachd ann an làithean Iotaim rìgh Iùdah, agus ann an làithean Ierobòaim rìgh Israeil.

18 Bha mic Reubein, agus na Gadaich, agus leth-threubh Mhanaseh, de fhir threuna, fir chomasach gu sgiath agus claidheamh iomchar, agus gu tilgeadh le bogha, agus teòma air cogadh, ceithir agus trì-fichead mìle agus seachd ceud agus trì-fichead an àireamh, a chaidh a‑mach gu cogadh.

19 Agus rinn iad cogadh ris na Hàgaraich, agus ri Ietur, agus Nephis, agus Nodab;

20 Agus chuidicheadh leo nan aghaidh, agus thugadh thairis nan làimh na Hàgaraich, agus iadsan uile a bha maille riu: oir dh’èigh iad ri Dia anns a’ chath, agus dh’aontaich esan len guidhe, a chionn gun d’earb iad as.

21 Agus thug iad leo am feudail; càmhail deich agus dà‑fhichead mìle, agus de chaoraich dà cheud agus leth-cheud mìle, agus asail dà mhìle, agus de dhaoine ceud mìle:

22 Oir thuit mòran sìos air am marbhadh, a chionn gu robh an cogadh o Dhia. Agus ghabh iad còmhnaidh nan àite gu ruig am braighdeanas.

23 Agus chòmhnaich clann leth-threubh Mhanaseh anns an tìr, o Bhasan gu Bàal-hermon agus Senir, agus gu sliabh Hermoin; agus dh’fhàs iad lìonmhor.

24 Agus b’iad seo cinn-taighe an athraichean, eadhon Epher, agus Isi, agus Eliel, agus Asriel, agus Ieremiah, agus Hodabhiah, agus Iahdiel, daoine treunmhor, daoine allail, cinn-taighe an athraichean.

25 Ach chiontaich iad an aghaidh Dia an athraichean, agus chaidh iad le strìopachas an dèidh diathan muinntir na tìre, a sgrios Dia romhpa.

26 Agus dhùisg Dia Israeil suas spiorad Phul rìgh Asiria, agus spiorad Thilgat-pilneseir rìgh Asiria, agus thug e leis iad (eadhon na Reubenich, agus na Gadaich, agus leth-threubh Mhanaseh), agus thug e iad gu Halah, agus Habor, agus Hara, agus gu abhainn Ghosain, gus an là‑an‑diugh.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan