1 Eachdraidh 29 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus thubhairt Daibhidh an rìgh ris a’ cho-chruinneachadh uile, Tha Solamh mo mhac den do rinn Dia a‑mhàin roghainn, òg agus maoth, agus tha an obair mòr: oir chan ann airson duine ach airson an Tighearna Dia a tha an lùchairt. 2 A‑nis lem uile neart dh’ullaich mise fa chomhair taigh mo Dhè, an t‑òr a‑chum nithean de òr, agus an t‑airgead a‑chum nithean de airgead, agus an t‑umha a‑chum nithean de umha, agus an t‑iarann a‑chum nithean de iarann, agus am fiodh a‑chum nithean de fhiodh; clachan onics, agus clachan rin cur, clachan loinnreach, agus de iomadh dath, agus gach uile ghnè chlach luachmhor, agus clachan marmoir ann am pailteas. 3 Os bàrr, a chionn gun do shocraich mi m’aigne air taigh mo Dhè, tha agam dem sheilbh àraidh fhèin, de òr agus de airgead a thug mi seachad do thaigh mo Dhè, a bhàrr air na dh’ullaich mi uile fa chomhair an taighe naoimh, 4 Trì mìle tàlann òir, de òr na h‑Ophir, agus seachd mìle tàlann de airgead fìorghlan, a chòmhdachadh ballachan an taighe: 5 An t‑òr fa chomhair nithean de òr, agus an t‑airgead fa chomhair nithean de airgead, agus fa chomhair gach uile ghnè obrach a nìthear le làmhan luchd-ceàirde. Agus cò a tha toileach air a sheirbhis a choisrigeadh an‑diugh don Tighearna? 6 An sin thug cinn nan athraichean agus uachdarain treubhan Israeil, agus na ceannardan mhìltean agus cheud, maille ris an luchd-riaghlaidh os cionn obair an rìgh, tabhartasan uapa gu toileach, 7 Agus thug iad seachad fa chomhair seirbhis taigh Dhè, de òr còig mìle tàlann agus deich mìle darcon, agus de airgead deich mìle tàlann, agus de umha ochd-mìle-deug tàlann, agus ceud mìle tàlann iarainn. 8 Agus ge bè aig an d’fhuaireadh clachan luachmhor, thug iad seachad iad do ionmhas taigh an Tighearna, le làimh Iehieil an Gersonach. 9 Agus rinn an sluagh gàirdeachas a chionn gun tug iad uapa gu toileach, a chionn le cridhe iomlan gun tug iad tabhartas uapa gu toileach don Tighearna: agus rinn Daibhidh an rìgh mar an ceudna gàirdeachas le aoibhneas mòr. 10 Air an adhbhar sin bheannaich Daibhidh an Tighearna ann am fianais a’ cho-chruinneachaidh uile: agus thubhairt Daibhidh, Guma beannaichte thu, a Thighearna Dhia Israeil ar n‑athair, gu saoghal nan saoghal. 11 Is leatsa, O Thighearna, a’ mhòrachd, agus an cumhachd, agus a’ ghlòir, agus a’ bhuaidh, agus a’ mhòralachd; oir is leat na h‑uile a tha air nèamh agus air talamh: is leat an rìoghachd, O Thighearna, agus tha thu air d’àrdachadh mar cheann thar nan uile. 12 Uatsa tha a’ teachd araon saoibhreas agus urram, agus tha thu a’ rìoghachadh os cionn nan uile, agus ann ad làimh tha cumhachd agus neart; agus ann ad làimh tha e neach a dhèanamh mòr, agus neart a thoirt do gach uile. 13 A‑nis uime sin, ar Dia-ne, tha sinn a’ toirt buidheachais dhut, agus a’ cliùthachadh d’ainm urramaich. 14 Ach cò mise, agus ciod iad mo shluagh, gum biodh e nar comas tabhartasan a thoirt seachad cho toileach air an dòigh seo? Oir is ann uatsa a tha na h‑uile nithean, agus is ann ded chuid fhèin a thug sinn dhut: 15 Oir is coigrich sinne ad fhianais agus luchd-cuairt, mar ar n‑athraichean uile: mar fhaileas tha ar làithean air thalamh, agus chan eil buanas ann. 16 O Thighearna ar Dia, tha am pailteas seo uile a dh’ullaich sinne a thogail taighe dhut fa chomhair d’ainm naoimh a’ teachd od làimh fhèin, agus is leat fhèin e gu lèir. 17 Tha fhios agam mar an ceudna, mo Dhia, gun dearbh thusa an cridhe, agus gu bheil tlachd agad ann an treibhdhireas. Dom thaobh-sa, ann an treibhdhireas mo chridhe thug mi gu toileach uam mar thabhartas na nithean seo uile: agus a‑nis chunnaic mi le aoibhneas do shuagh, a tha an seo an làthair, a’ toirt seachad gu toileach an tabhartais dhutsa. 18 O Thighearna Dhia Abrahàim, Isaaic, agus Israeil, ar n‑athraichean, glèidh seo gu bràth ann am breithneachadh smuaintean cridhe do shluaigh, agus ullaich an cridhe dhut fhèin; 19 Agus thoir do Sholamh mo mhac cridhe iomlan, a ghleidheadh d’àitheantan, do theisteis, agus do reachdan, agus a dhèanamh nan nithean seo uile, agus a thogail na lùchairt fa chomhair an d’ullaich mise. 20 Agus thubhairt Daibhidh ris a’ cho-chruinneachadh uile, A‑nis beannaichibh an Tighearna ur Dia. Agus bheannaich an co‑chruinneachadh gu lèir an Tighearna, Dia an athraichean, agus chrom iad sìos an cinn, agus thug iad urram don Tighearna agus don rìgh. 21 Agus dh’ìobair iad ìobairtean don Tighearna, agus thug iad seachad ìobairtean-loisgte don Tighearna air an là màireach an dèidh an là sin, eadhon mìle tarbh, mìle reithe, agus mìle uan, len tabhartasan-dibhe, agus ìobairtean ann am pailteas airson Israeil uile; 22 Agus dh’ith agus dh’òl iad an làthair an Tighearna air an là sin le mòr shubhachas; agus rinn iad Solamh mac Dhaibhidh na rìgh an dara uair, agus dh’ung iad e don Tighearna na àrd-uachdaran, agus Sadoc na shagart. 23 Agus shuidh Solamh ann an cathair rìoghail an Tighearna mar rìgh an àite Dhaibhidh a athair, agus shoirbhich leis, agus bha Israel uile umhail dha. 24 Agus strìochd na h‑uachdarain uile, agus na daoine cumhachdach, agus mar an ceudna uile mhic rìgh Daibhidh, iad fhèin do Sholamh an rìgh. 25 Agus dh’àrdaich an Tighearna Solamh gu ro‑mhòr ann an sealladh Israeil uile, agus thug e mòralachd rìoghail dha nach robh aig rìgh sam bith roimhe ann an Israel. 26 Mar seo rìghich Daibhidh mac Iese os cionn Israeil uile. 27 Agus b’i an ùine a rìghich e os cionn Israeil dà‑fhichead bliadhna: ann an Hebron rìghich e seachd bliadhna, agus ann an Ierusalem rìghich e trì-bliadhna-deug ar fhichead. 28 Agus fhuair e bàs ann an deagh sheann aois, làn de làithean, de shaoibhreas, agus de urram; agus rìghich Solamh a mhac na àite. 29 A‑nis gnìomharan Dhaibhidh an rìgh, eadar thoiseach agus dheireadh, feuch, tha iad sgrìobhte ann an leabhar Shamueil am fear-seallaidh, agus ann an leabhar Nàtain am fàidh agus ann an leabhar Ghad am fear-seallaidh, 30 Maille ra rìoghachadh gu lèir, agus a chumhachd, agus na h‑aimsirean a chaidh thairis air, agus thar Israel, agus thar uile rìoghachdan nan dùthchannan. |