1 Eachdraidh 28 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus chruinnich Daibhidh gu Ierusalem uile cheannardan Israeil, ceannardan nan treubh, agus ceannardan nan roinnean a bha a’ frithealadh don rìgh, agus na ceannardan mhìltean, agus na ceannardan cheud, agus an luchd-riaghlaidh os cionn uile mhaoin agus sprèidh an rìgh agus a mhac, leis an luchd-dreuchd, agus na daoine cumhachdach, agus na daoine gaisgeil uile. 2 An sin sheas Daibhidh an rìgh suas air a chasan, agus thubhairt e, Eisdibh riumsa, mo bhràithrean, agus mo shluagh: Bha e agamsa ann am chridhe taigh-còmhnaidh a thogail do àirc coicheangal an Tighearna, agus do stòl-chas ar Dè‑ne, agus dh’ullaich mi fa chomhair na h‑obrach: 3 Ach thubhairt Dia rium, Cha tog thu taigh dom ainm-sa, a chionn gu robh thu ad fhear-cogaidh, agus gun do dhòirt thu fuil. 4 Gidheadh roghnaich an Tighearna Dia Israeil mi ro uile thaigh m’athar, gu bhith ann am rìgh air Israel gu bràth: oir roghnaich e Iùdah mar fhear-riaghlaidh, agus à taigh Iùdah, taigh m’athar-sa, agus am measg mic m’athar bu toigh leis mise a dhèanamh ann am rìgh os cionn Israeil uile. 5 Agus dem mhic uile (oir thug an Tighearna mòran mhac dhomh), roghnaich e Solamh mo mhac gu suidhe air rìgh-chathair rìoghachd an Tighearna os cionn Israeil. 6 Agus thubhairt e riu, Togaidh Solamh do mhac mo thaigh-sa agus mo lùchairtean; oir thagh mi e gu bhith na mhac agam, agus bidh mise ann am athair aigesan. 7 Os bàrr, daingnichidh mi a rìoghachd gu bràth, ma bhios esan seasmhach a choileanadh m’àitheantan agus mo bhreitheanais, mar air an là‑an‑diugh. 8 A‑nis uime sin guidheam oirbh ann an sealladh Israeil uile, co‑chruinneachadh an Tighearna, agus ann an èisdeachd ar Dè‑ne, gleidhibh agus iarraibh uile àitheantan an Tighearna ur Dia: a‑chum gun sealbhaich sibh am fearann math seo, agus gum fàg sibh e mar oighreachd dur cloinn nur dèidh gu bràth. 9 Agus thusa, a Sholaimh, a mhic, biodh aithne agad air Dia d’athar, agus dèan seirbhis dha le cridhe iomlan, agus le inntinn thoilich: oir tha an Tighearna a’ rannsachadh nan uile chridheachan, agus a’ tuigsinn uile dhealbhadh nan smuain: ma dh’iarras tusa esan, gheibhear e leat; ach ma thrèigeas tu e, tilgidh e uaithe thu gu bràth. 10 Thoir an aire a‑nis, oir thagh an Tighearna thu gu taigh a thogail don ionad naomh; bi làidir agus dèan e. 11 An sin thug Daibhidh do Sholamh a mhac samhladh an sgàth-thaighe, agus a thaighean, agus a ionadan-ionmhais, agus a sheòmraichean uachdarach, agus a sheòmraichean an leth a‑staigh, agus àite na cathair-thròcair. 12 Agus samhladh nan uile nithean a bha aige na inntinn, a‑thaobh lùchairtean taigh an Tighearna, agus a‑thaobh nan uile sheòmraichean mun cuairt, a‑thaobh ionadan-ionmhais taigh Dhè, agus a‑thaobh ionadan-taisgidh nan nithean coisrigte: 13 Mar an ceudna a‑thaobh roinnean nan sagart agus nan Lèbhitheach, agus a‑thaobh uile obair seirbhis taigh an Tighearna, agus a‑thaobh nan uile shoithichean-seirbhis ann an taigh an Tighearna. 14 A‑thaobh òir air chudthrom a‑chum nithean òir, a‑chum uile innealan gach uile ghnè sheirbhis; a‑thaobh airgid a‑chum uile innealan airgid air chudthrom, a‑chum uile innealan gach uile ghnè sheirbhis: 15 Eadhon an cudthrom a‑chum nan coinnleir òir, agus a‑chum an lòchranan òir, air chudthrom a‑chum gach coinnleir agus a lòchranan: a rèir feum gach coinnleir. 16 Agus òr air chudthrom a‑chum bòrd an arain thaisbeanta, a‑chum gach bùird, agus airgead a‑chum nam bòrd airgid: 17 Mar an ceudna òr glan a‑chum nan greimichean feòla, agus nan cuach, agus nan cupan: agus a‑chum nan soitheach-ionnlaid òir, òr air chudthrom fa chomhair gach soithich-ionnlaid; agus airgead air chudthrom fa chomhair gach soithich-ionnlaid airgid: 18 Agus a‑chum altair na tùise òr fìorghlan air chudthrom; agus òr fa chomhair samhladh carbad nan cerub, a sgaoil a‑mach an sgiathan, agus a chòmhdaich àirc coicheangal an Tighearna. 19 Seo uile, arsa Daibhidh, thug an Tighearna orm a thuigsinn ann an sgrìobhadh le a làimh orm, eadhon uile obraichean an t‑samhlaidh seo. 20 Agus thubhairt Daibhidh ri Solamh a mhac, Bi làidir agus gabh misneach, agus dèan e: na biodh eagal ort, agus na bi fo uamhas, oir bidh an Tighearna Dia, mo Dhia-sa, leat; chan fhàilnich e ort, cha mhò a thrèigeas e thu, gus an crìochnaich thu an obair uile fa chomhair seirbhis taigh an Tighearna. 21 Agus, feuch, roinnean nan sagart agus nan Lèbhitheach maille riut a‑chum uile sheirbhis taigh Dhè, agus maille riut a‑chum gach uile ghnè obrach, gach duine toileach tùrail fa chomhair gach uile ghnè sheirbhis; agus na ceannardan agus an sluagh gu h‑iomlan freagarrach dod àitheantan uile. |