Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

1 Eachdraidh 27 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 A‑nis bha clann Israeil, a rèir an àireimh, eadhon cinn nan athraichean, agus na ceannardan mhìltean agus cheud, agus an luchd-riaghlaidh, a’ frithealadh don rìgh anns gach cùis a bhuineadh do na roinnean, a bha a’ teachd a‑steach agus a’ dol a‑mach mìos air mhìos air feadh uile mhìosan na bliadhna: anns gach roinn bha ceithir-mìle-fichead fear.

2 Os cionn na ciad roinne, fa chomhair a’ chiad mhìos, bha Iasobeam mac Shabdieil: agus na roinn-san bha ceithir-mìle-fichead.

3 De chloinn Pheres bha ceann uile cheannardan an t‑slòigh fa chomhair a’ chiad mhìos.

4 Agus os cionn roinn an dara mìos bha Dodai an t‑Ahohach, agus air a roinn-san b’e Miclot am fear-riaghlaidh: agus na roinn-san mar an ceudna bha ceithir-mìle-fichead.

5 B’e treas ceannard an t‑slòigh, fa chomhair an treasa mìos, Benaiah mac Iohoiada, àrd-shagart: agus na roinn-san bha ceithir-mìle-fichead.

6 Seo am Benaiah ud a bha treun am measg an deich-ar‑fhichead, agus os cionn an deich-ar‑fhichead: agus na roinn-san bha Amisabad a mhac.

7 B’e an ceathramh ceannard, fa chomhair a’ cheathramh mìos, Asahel bràthair Ioaib, agus Sebadiah a mhac na dhèidh: agus na roinn-san bha ceithir-mìle-fichead.

8 B’e an còigeamh ceannard, fa chomhair a’ chòigeamh mìos, Samhut an t‑Israhach: agus na roinn-san bha ceithir-mìle-fichead.

9 B’e an siathamh ceannard, fa chomhair an t‑siathamh mìos, Ira mac Iceis, an Tecòthach: agus na roinn-san bha ceithir-mìle-fichead.

10 B’e an seachdamh ceannard, fa chomhair an t‑seachdamh mìos, Heles am Pelonach de chloinn Ephraim; agus na roinn-san bha ceithir-mìle-fichead.

11 B’e an t‑ochdamh ceannard, fa chomhair an ochdamh mìos, Sibecai an Husatach de na Sarhaich: agus na roinn-san bha ceithir-mìle-fichead.

12 B’e an naoidheamh ceannard, fa chomhair an naoidheamh mìos, Abièser an t‑Anetotach de chloinn Iamin: agus na roinn-san bha ceithir-mìle-fichead.

13 B’e an deicheamh ceannard, fa chomhair an deicheamh mìos, Maharai an Netophatach de na Sarhaich: agus na roinn-san bha ceithir-mìle-fichead.

14 B’e an t‑aon-cheannard-deug, fa chomhair an aon-mhìos-deug, Benaiah am Piratonach de chloinn Ephraim: agus na roinn-san bha ceithir-mìle-fichead.

15 B’e an dara-ceannard-deug, fa chomhair an dara-mìos-deug, Heldai an Netophatach o Otniel: agus na roinn-san bha ceithir-mìle-fichead.

16 Os bàrr, os cionn treubhan Israeil: b’e ceannard nan Reubeneach, Elièser mac Shichri: nan Simeonach, Sephatiah mac Mhaachah:

17 Ceannard nan Lèbhitheach, Hasabiah mac Chemueil: ceannard nan Aaronach, Sadoc:

18 Ceannard Iùdah, Elihu aon de bhràithrean Dhaibhidh: ceannard Isachair, Omri mac Mhichaeil:

19 Ceannard Shebuluin, Ismaiah mac Obadiah: ceannard Naphtali, Ierimot mac Asrieil:

20 Ceannard chloinn Ephraim, Hosèa mac Asasiah: ceannard leth-threubh Mhanaseh Ioel mac Phedaiah:

21 Ceannard leth-threubh Mhanaseh ann an Gilead, Ido mac Shechariah: ceannard Bheniàmin, Iasiel mac Abneir:

22 Ceannard Dhain, Asareel mac Ierohaim. B’iad sin ceannardan treubhan Israeil.

23 Ach cha do ghabh Daibhidh an àireamh o aois fichead bliadhna agus foidhe; a chionn gun dubhairt an Tighearna gun dèanadh e Israel lìonmhor mar reultan nan nèamh.

24 Thòisich Ioab mac Sheruiah air àireamh, ach cha do chrìochnaich e, a chionn gu robh air a shon seo fearg an aghaidh Israeil; cha mhò a chuireadh sìos an uimhir ann an àireamh eachdraidh rìgh Dhaibhidh.

25 Agus os cionn ionmhasan an rìgh bha Asmabhet mac Adieil: agus os cionn nan taigh-tasgaidh anns na machraichean, anns na mòr-bhailtean, agus anns na frith-bhailtean, agus anns na tùran, bha Iehonatan mac Udsiah.

26 Agus os an cionn-san a rinn obair na machrach, ann an treabhadh an fhearainn, bha Esri mac Cheluib.

27 Agus os cionn nam fìonlios bha Simei an Ramatach: os cionn toradh nam fìonlios, fa chomhair nam fìon-thaisgeach, bha Sabdi an Siphmitheach.

28 Agus os cionn nan craobh-ola agus nan craobh sicomoir a bha anns na còmhnardan ìosal, bha Bàal-hanan an Gedereach: agus os cionn nan taisgeachan ola bha Iòas.

29 Agus os cionn a’ chruidh a bha air feurach ann an Sàron bha Sitrai an Saronach: agus os cionn a’ chruidh anns na gleanntan bha Saphat mac Adlai.

30 Os cionn nan càmhal mar an ceudna bha Obil an t‑Ismaeleach: agus os cionn nan asal bha Iehdeiah am Meronotach.

31 Agus os cionn nan treud bha Iasis an t‑Hagereach. B’iad sin uile luchd-riaghlaidh na maoin a bu le rìgh Daibhidh.

32 Mar an ceudna bha Ionatan, bràthair-athar Dhaibhidh na chomhairleach, na dhuine glic, agus na sgrìobhaiche: agus bha Ieheil mac Hachmoni maille ri mic an rìgh.

33 Agus b’e Ahitophel comhairleach an rìgh, agus Husai an t‑Architheach companach an rìgh.

34 Agus an dèidh Ahitopheil bha Iehoiada mac Bhenaiah, agus Abiatar. Agus b’e Ioab ceannard armailt an rìgh.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan