Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

1 Eachdraidh 26 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 A‑thaobh roinnean nan dorsairean: do na Corhaich, Meselemiah mac Chore, de mhic Asaiph.

2 Agus mic Mheselemiah: Sechariah an ciad-ghin, Iediael an dara, Sebadiah an treasa, Iatniel an ceathramh,

3 Elam an còigeamh, Iehohanan an siathamh, Elioenai an seachdamh.

4 Agus mic Obed-edoim: Semaiah an ciad-ghin, Iehosabad an dara, Ioah an treasa, agus Sacar an ceathramh, agus Netaneel an còigeamh,

5 Amiel an siathamh, Isachar an seachdamh, Peultai an t‑ochdamh: oir bheannaich Dia e.

6 Agus do Shemaiah a mhac rugadh mic, a bha a’ riaghladh taigh an athar: oir bu daoine treuna iad.

7 Mic Shemaiah: Otni, agus Rephael, agus Obed, Elsabad: agus bha am bràithrean nan daoine gaisgeil, Elihu agus Semachiah.

8 Iad sin uile de mhic Obed-edoim: iad fhèin, agus am mic, agus am bràithrean, daoine comasach ann an neart fa chomhair na seirbhis, nan trì-fichead agus a dhà, o Obed-edom.

9 Agus bha aig Meselemiah mic agus bràithrean, daoine gaisgeil, ochd-fir-dheug.

10 Agus bha aig Hosah, de chloinn Mherari mic; Simri an ceann (oir ged nach b’e an ciad-ghin, gidheadh rinn a athair e na cheann):

11 Hilciah an dara fear, Tebaliah an treasa, Sechariah an ceathramh: uile mhic agus bhràithrean Hosah trì-deug.

12 Dhiubh sin bha roinnean nan dorsairean, eadhon de na prìomh-dhaoine a bha ri faire fa chomhair am bràithrean, gu frithealadh ann an taigh an Tighearna.

13 Agus thilg iad croinn, am beag cho math ris a’ mhòr, a rèir taigh an athraichean, airson gach geata.

14 Agus thuit an crannchur a làimh na h‑àird an ear air Selemiah: agus thilg iad croinn airson a mhic Sechariah, comhairliche glic, agus thàinig a chrannchur-san a‑mach mu thuath.

15 Do Obed-edom mu dheas, agus da mhic taigh Asupim.

16 Do Suphim agus do Hosah a làimh na h‑àird an iar, maille ris a’ gheata Salechet, làimh ri cruaidh-rathad na h‑uchdaich, faire fa chomhair faire.

17 Air an taobh an ear bha sianar Lèbhitheach, air an taobh mu thuath ceathrar gach là, air an taobh mu dheas ceathrar gach là, agus air taobh Asupim dithis agus dithis.

18 Aig Parbar, a làimh na h‑àird an iar, ceathrar aig a’ chruaidh-rathad, agus dithis aig Parbar.

19 Is iad sin roinnean nan dorsairean de mhic Chore, agus de mhic Mherari.

20 Agus de na Lèbhithich, bha Ahiah os cionn ionmhasan taigh Dhè, agus os cionn ionmhasan nan nithean naomha.

21 A‑thaobh mic Laadain: mic a’ Ghersonaich Laadan, prìomh-athraichean, eadhon o Laadan an Gersonach bha Iehieli.

22 Mic Iehieli: Setam, agus Ioel a bhràthair, a bha os cionn ionmhasan taigh an Tighearna.

23 De na Hamramaich, de na h‑Idsaraich, de na Hebronaich, agus de na h‑Udsielich.

24 Agus bha Sebuel mac Ghersoim, mhic Mhaois, na àrd-fhear-riaghlaidh air na h‑ionmhasan.

25 Agus a bhràithrean le Elièser: Rehabiah a mhac, agus Iesaiah a mhac-san, agus Ioram a mhac-san, agus Sichri a mhac-san, agus Selomit a mhac-san.

26 B’e Selomit seo agus a bhràithrean, a bha os cionn uile ionmhasan nan nithean coisrigte, a choisrig Daibhidh an rìgh, agus cinn nan athraichean, agus na ceannardan mhìltean agus cheud, agus ceannardan an t‑slòigh.

27 As na cathan agus as na creachan choisrig iad tabhartasan a chàradh taigh an Tighearna.

28 Agus gach uile nì a choisrig Samuel am fear-seallaidh, agus Saul mac Chis, agus Abner mac Neir, agus Ioab mac Sheruiah; agus ge bè neach a choisrig nì air bith, bha sin fo làimh Shelomit agus a bhràithrean.

29 De na h‑Idsaraich, bha Chenaniah agus a mhic fa chomhair nan gnothaichean on leth a‑muigh os cionn Israeil, nan luchd-riaghlaidh agus nam britheamhan.

30 De na Hebronaich, bha Hasabiah agus a bhràithrean, daoine gaisgeil, mìle agus seachd ceud fear, nan luchd-riaghlaidh air Israel air an taobh seo de Iòrdan a làimh na h‑àird an iar, ann an uile ghnothaichean an Tighearna, agus ann an seirbhis an rìgh.

31 De na Hebronaich, b’e Ieriah ceann nan Hebronach a rèir ginealaichean a athraichean. Anns an dà‑fhicheadamh bliadhna de rìoghachadh Dhaibhidh dh’iarradh iad, agus fhuaireadh nam measg daoine treuna ann an Iaser Ghilead.

32 Agus a bhràithrean, daoine gaisgeil, dà mhìle agus seachd ceud, cinn nan teaghlach: agus rinn Daibhidh iad nan luchd-riaghlaidh os cionn nan Reubeneach, agus nan Gadach, agus leth-threubh Mhanaseh, anns gach nì a bhuineadh do Dhia, agus ann an gnothaichean an rìgh.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan