Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

1 Eachdraidh 25 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Os bàrr, chuir Daibhidh agus ceannardan an t‑sluaigh air leth fa chomhair na seirbhis de mhic Asaiph, agus Hemain, agus Iedutuin, daoine a dhèanadh fàidheadaireachd, le clàrsaichean, le saltairean, agus le ciombalan. Agus b’e àireamh an luchd-frithealaidh, a rèir an seirbhis:

2 De mhic Asaiph: Sachur, agus Iòseph, agus Netaniah, agus Asarelah, mic Asaiph, fo làimh Asaiph, a bha ri fàidheadaireachd a rèir àithne an rìgh.

3 O Iedutun: mic Iedutuin: Gedaliah, agus Seri, agus Iesaiah, agus Simei, agus Hasabiah, agus Matitiah, sianar fo làimh an athar Iedutun, a bha ri fàidheadaireachd le clàrsaich a thoirt buidheachais agus cliù don Tighearna.

4 O Heman: mic Hemain: Buciah, Mataniah, Udsiel, Sebuel, agus Ierimot, Hananiah, Hanani, Eliatah, Gidalti, agus Romamti-esder, Iosbecasah, Maloti, Hotir, Mahasiot:

5 B’iad sin uile mic Hemain, fear-seallaidh an rìgh, ann am briathran Dhè, a‑chum an adharc a thogail suas. Agus thug Dia do Heman ceithir-mic-dheug agus trì nigheanan.

6 Bha iad seo uile fo làimh an athar, fa chomhair laoidhean taigh Dhè, le ciombalan, saltairean, agus clàrsaichean, a‑chum seirbhis taigh Dhè, fo làimh an rìgh, Asaiph, Hemain, agus Iedutuin.

7 Agus b’e an àireamh maille rim bràithrean, a fhuair ionnsachadh air laoidhean an Tighearna, eadhon iadsan uile a bha tùrail, dà cheud, ceithir-fichead agus ochdnar.

8 Agus chuir iad crannchur, buidheann an aghaidh buidhne, am beag cho math ris a’ mhòr, an t‑oid-ionnsachaidh cho math ris an fhòghlamach.

9 Agus thàinig an ciad chrannchur a‑mach air Asaph, do Iòseph; an dara do Ghedaliah, dha fhèin agus da bhràithrean, agus da mhic, dà‑fhear-dheug:

10 An treasa do Shachur, da mhic agus da bhràithrean, dà‑fhear-dheug:

11 An ceathramh do Isri, da mhic agus da bhràithrean, dà‑fhear-dheug:

12 An còigeamh do Netaniah, da mhic agus da bhràithrean, dà‑fhear-dheug:

13 An siathamh do Bhuciah, da mhic agus da bhràithrean, dà‑fhear-dheug:

14 An seachdamh do Iesarelah, da mhic agus da bhràithrean, dà‑fhear-dheug:

15 An t‑ochdamh do Iesaiah, da mhic agus da bhràithrean, dà‑fhear-dheug:

16 An naoidheamh do Mhataniah, da mhic agus da bhràithrean, dà‑fhear-dheug:

17 An deicheamh do Shimei, da mhic agus da bhràithrean, dà‑fhear-dheug:

18 An t‑aon-deug do Asareel, da mhic agus da bhràithrean, dà‑fhear-dheug:

19 An dara-crannchur-deug do Hasabiah, da mhic agus da bhràithrean, dà‑fhear-dheug:

20 An treasa-deug do Shubael, da mhic agus da bhràithrean, dà‑fhear-dheug:

21 An ceathramh deug do Mhatitiah, da mhic agus da bhràithrean, dà‑fhear-dheug:

22 An còigeamh-deug do Ierimot, da mhic agus da bhràithrean, dà‑fhear-dheug:

23 An siathamh deug do Hananiah, da mhic agus da bhràithrean, dà‑fhear-dheug:

24 An seachdamh deug do Iosbecasah, da mhic agus da bhràithrean, dà‑fhear-dheug:

25 An t‑ochdamh deug do Hanani, da mhic agus da bhràithrean, dà‑fhear-dheug:

26 An naoidheamh-deug do Mhaloti, da mhic agus da bhràithrean, dà‑fhear-dheug:

27 Am ficheadamh do Eliatah, da mhic agus da bhràithrean, dà‑fhear-dheug:

28 An t‑aon-ar‑fichead do Hotir, da mhic agus da bhràithrean, dà‑fhear-dheug:

29 An dara-ar‑fhichead do Ghidalti, da mhic agus da bhràithrean, dà‑fhear-dheug:

30 An treas-ar‑fichead do Mhahasiot, da mhic agus da bhràithrean, dà‑fhear-dheug:

31 An ceathramh-ar‑fhichead do Romamti-eser, da mhic agus da bhràithrean, dà‑fhear-dheug.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan