Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

1 Eachdraidh 22 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus thubhairt Daibhidh, Is e seo taigh an Tighearna Dia, agus is i seo altair na h‑ìobairt-loisgte do Israel.

2 Agus dh’àithn Daibhidh na coigrich a bha ann am fearann Israeil a chruinneachadh an ceann a chèile; agus chuir e clachairean a ghearradh chlach snaidhte a thogail taigh Dhè.

3 Agus sholair Daibhidh iarann ann am pailteas a‑chum tàirngean do chòmhlaichean nan geatachan, agus a‑chum nan dlùthadh; agus umha ann am pailteas, gun tomhas;

4 Agus fiodh seudair gun àireamh, oir thug na Sìdonaich agus muinntir Thìruis fiodh seudair ann am pailteas a dh’ionnsaigh Dhaibhidh.

5 Agus thubhairt Daibhidh, Tha Solamh mo mhac òg agus maoth; agus an taigh a tha ri thogail don Tighearna, is còir a dhèanamh mòr agus àrd, a‑chum gum bi e ainmeil, agus na adhbhar uaill air feadh gach uile thìr: uime sin ullaichidh mise fa chomhair. Agus dh’ullaich Daibhidh gu pailt ro a bhàs.

6 Agus ghairm e air Solamh a mhac, agus dh’àithn e dha taigh a thogail don Tighearna Dia Israeil.

7 Agus thubhairt Daibhidh ri Solamh, A mhic, air mo shon-sa dheth, bha ann am aire taigh a thogail do ainm an Tighearna mo Dhia:

8 Ach thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh, Dhòirt thu mòran fala, agus rinn thu cogaidhean mòra: cha tog thu taigh dom ainm-sa, a chionn gun do dhòirt thu mòran fala air an talamh am fhianais.

9 Feuch, beirear mac dhut: bidh esan na dhuine foistinneach, agus bheir mise fois dha o a naimhdean uile mun cuairt; oir bidh Solamh mar ainm air, agus sìth agus suaimhneas bheir mise do Israel ra linn-san.

10 Togaidh esan taigh dom ainm-sa; agus bidh e na mhac dhomh, agus bidh mise am athair dhàsan: agus daingnichidh mi rìgh-chathair a rìoghachd os cionn Israeil gu bràth.

11 A‑nis uime sin, a mhic, gu robh an Tighearna maille riut, a‑chum gun soirbhich thu, agus gun tog thu taigh an Tighearna do Dhia, mar a labhair e mud thimcheall.

12 A‑mhàin gun tugadh an Tighearna dhut gliocas agus tuigse, agus gun tugadh e dhut àithne a‑thaobh Israeil, a‑chum gun glèidh thu lagh an Tighearna do Dhia.

13 An sin soirbhichidh tu, ma bheir thu an aire gun coilean thu na reachdan agus na breitheanais a dh’àithn an Tighearna do Mhaois a‑thaobh Israeil: bi làidir, agus biodh deagh mhisneach agad; na gabh eagal agus na bi fo uamhann.

14 A‑nis, feuch, ann am theanntachd dh’ullaich mise fa chomhair taigh an Tighearna ceud mìle tàlann òir, agus mìle de mhìltean tàlann airgid, agus de umha agus de iarann gun tomhas (oir tha ro‑phailteas ann): fiodh mar an ceudna agus clachan dh’ullaich mi; ach faodaidh tusa cur riu.

15 Mar an ceudna tha luchd-obrach am pailteas agad, snaidheadairean agus luchd-saothrach cloiche agus fiodha, agus gach uile ghnè dhaoine tùrail fa chomhair gach gnè obrach.

16 Air an òr, an airgead, agus an umha, agus an iarann, chan eil àireamh. Eirich agus bi a’ dèanamh, agus gu robh an Tighearna maille riut.

17 Dh’àithn Daibhidh mar an ceudna do uachdarain Israeil gu lèir, iad a chuideachadh le Solamh a mhac, ag ràdh,

18 Nach eil an Tighearna ur Dia maille ribh? Agus nach tug e dhuibh suaimhneas air gach taobh? Oir thug e luchd-àiteachaidh na tìre am làimh-sa; agus tha an tìr air a cìosnachadh ron Tighearna, agus ro a shluagh.

19 A‑nis uime sin socraichibh ur cridhe agus ur n‑anam a dh’iarraidh an Tighearna ur Dia: èiribh-se agus togaibh ionad naomh an Tighearna Dia, a‑chum gun toir sibh a‑steach àirc coicheangal an Tighearna, agus soithichean naomha Dhè, don taigh a tha ra thogail do ainm an Tighearna.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan