Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

1 Eachdraidh 21 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus sheas Sàtan suas an aghaidh Israeil, agus bhrosnaich e Daibhidh gu Israel àireamh.

2 Agus thubhairt Daibhidh ri Ioab, agus ri uachdaran an t‑sluaigh, Rachaibh, àirmhibh Israeil o Bheer-sèba eadhon gu Dan; agus thugaibh an àireamh am ionnsaigh-sa, a‑chum gum bi fhios agam air.

3 Agus fhreagair Ioab, Gun dèanadh an Tighearna a shluagh fhèin ceud uair nas lìonmhoire na tha iad. Ach, mo thighearna a rìgh, nach iad seirbhisich mo thighearna iad uile? Carson mas eadh a tha mo thighearna ag iarraidh an nì seo? Carson a bhios e na adhbhar cionta do Israel?

4 Gidheadh, bhuadhaich facal an rìgh an aghaidh Ioaib: uime sin dh’imich Ioab, agus chaidh e air feadh Israeil uile, agus thàinig e gu Ierusalem.

5 Agus thug Ioab uimhir àireamh an t‑sluaigh do Dhaibhidh: agus bha ann de Israel uile, mìle de mhìltean agus ceud mìle fear a tharraing claidheamh; agus de Iùdah, ceithir cheud agus deich agus trì mìle fear a tharraing claidheamh.

6 Ach Lèbhi agus Beniàmin cha d’àireamh e nam measg; oir bha facal an rìgh gràineil do Ioab.

7 Agus mhì-thaitinn an nì seo ri Dia; uime sin bhuail e Israel.

8 Agus thubhairt Daibhidh ri Dia, Pheacaich mi gu mòr, a chionn gun do rinn mi an nì seo; ach a‑nis, guidheam ort, thoir air falbh cionta do sheirbhisich; oir rinn mi gu ro‑amaideach.

9 Agus labhair an Tighearna ri Gad, fear-seallaidh Dhaibhidh, ag ràdh,

10 Falbh agus labhair ri Daibhidh, ag ràdh, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Trì nithean tha mi a’ cur fad chomhair; roghnaich dhut fhèin aon dhiubh, a‑chum gun dèan mi dhut e.

11 Agus thàinig Gad a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, agus thubhairt e ris, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Gabh do roghainn:

12 Aon chuid trì bliadhna gorta; no a bhith trì mìosan a’ teicheadh rod naimhdean, agus claidheamh do naimhdean a’ breith ort; no trì làithean de chlaidheamh an Tighearna, eadhon den phlàigh, anns an fhearann, agus aingeal an Tighearna a’ sgrios air feadh uile chrìochan Israeil: a‑nis uime sin faic ciod a fhreagras mi dhàsan a chuir uaithe mi.

13 Agus thubhairt Daibhidh ri Gad, Tha mi ann an teinn mhòir: tuiteam a‑nis ann an làimh an Tighearna, oir is ro‑lìonmhor a thròcairean; ach ann an làimh duine na tuiteam.

14 Agus chuir an Tighearna plàigh air Israel; agus thuit de Israel deich agus trì-fichead mìle fear.

15 Agus chuir Dia aingeal gu Ierusalem, a‑chum a sgrios: agus nuair a bha e a’ sgrios, dh’amhairc an Tighearna, agus ghabh e aithreachas a‑thaobh an uilc, agus thubhairt e ris an aingeal a bha ri sgrios, Is leòr e; cùm a‑nis air do làimh. Agus sheas aingeal an Tighearna làimh ri ùrlar-bualaidh Ornain an t‑Iebusach.

16 Agus thog Daibhidh suas a shùilean agus chunnaic e aingeal an Tighearna na sheasamh eadar talamh agus nèamh, agus a chlaidheamh rùisgte na làimh, sìnte a‑mach os cionn Ierusaleim, agus thuit Daibhidh agus seanairean Israeil, còmhdaichte le sac-aodach, sìos air an aghaidh.

17 Agus thubhairt Daibhidh ri Dia, Nach mise a dh’àithn an sluagh àireamh? Is mise fhèin a pheacaich, agus a rinn gu ro‑olc; ach na caoraich seo, ciod a rinn iadsan? Biodh do làmh, guidheam ort, a Thighearna mo Dhia, am aghaidh-sa, agus an aghaidh taigh m’athar; ach an aghaidh do shluaigh na biodh i, gu plàigh a chur orra.

18 An sin dh’àithn aingeal an Tighearna do Ghad a ràdh ri Daibhidh, gun rachadh Daibhidh suas a thogail altarach don Tighearna ann an ùrlar-bualaidh Ornain an t‑Iebusach.

19 Agus chaidh Daibhidh suas air facal Ghaid, a labhair e ann an ainm an Tighearna.

20 Agus thionndaidh Ornan air ais, agus chunnaic e an t‑aingeal; agus dh’fhalaich a cheathrar mhac, a bha maille ris, iad fhèin. A‑nis bha Ornan a’ bualadh cruithneachd.

21 Agus nuair a thàinig Daibhidh a dh’ionnsaigh Ornain, dh’amhairc Ornan agus chunnaic e Daibhidh, agus chaidh e a‑mach as an ùrlar-bhualaidh, agus chrom e e fhèin do Dhaibhidh le a aghaidh gu làr.

22 An sin thubhairt Daibhidh ri Ornan, Thoir dhòmhsa àit an ùrlair-bhualaidh seo, a‑chum gun tog mi altair ann don Tighearna; air a làn luach bheir thu dhomh e, a‑chum gun caisgear a’ phlàigh on t‑sluagh.

23 Agus thubhairt Ornan ri Daibhidh, Gabh thugad e, agus dèanadh mo thighearna an rìgh an nì a tha math na shùilean: feuch, tha mi a’ toirt a’ bhuair dhut a‑chum ìobairtean-loisgte, agus nan innealan-bualaidh a‑chum connaidh, agus a’ chruithneachd a‑chum tabhartas-bìdh; sin uile tha mi a’ toirt dhut.

24 Agus thubhairt rìgh Daibhidh ri Ornan, Chan eadh, ach gu deimhinn ceannaichidh mi iad air an làn luach; oir cha ghabh mi an nì as leatsa gu a thoirt don Tighearna, agus cha toir mi suas ìobairtean-loisgte gun chostas.

25 Uime sin thug Daibhidh do Ornan air an àite sia ceud secel òir air thomhas.

26 Agus thog Daibhidh an sin altair don Tighearna, agus dh’ìobair e ìobairtean-loisgte agus ìobairtean-sìth, agus ghairm e air an Tighearna; agus fhreagair e e le teine o nèamh air altair na h‑ìobairt-loisgte.

27 Agus dh’àithn an Tighearna don aingeal; agus chuir e suas a chlaidheamh a‑rìs na thruaill.

28 Anns an àm sin, nuair a chunnaic Daibhidh gun do fhreagair an Tighearna e ann an ùrlar-bualaidh Ornain an t‑Iebusach, dh’ìobair e an sin:

29 Oir bha pàillean an Tighearna a rinn Maois anns an fhàsach, agus altair na h‑ìobairt-loisgte, anns an àm sin anns an àit àrd ann an Gibeon.

30 Ach cha b’urrainn Daibhidh dol na làthair, a dh’fhiosrachadh de Dhia; oir bha e fo eagal airson claidheamh aingeal an Tighearna.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan