1 Eachdraidh 20 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus aig teachd mun cuairt na bliadhna, mun àm anns an tèid rìghrean a‑mach gu cogadh, tharraing Ioab a‑mach neart an airm, agus chuir e fàs dùthaich chloinn Amoin, agus thàinig e agus theannaich e Rabah (ach dh’fhan Daibhidh ann an Ierusalem); agus bhuail Ioab Rabah, agus sgrios e e. 2 Agus thug Daibhidh crùn an rìgh bhàrr a chinn, agus fhuair e cudthrom tàlainn òir ann, agus bha clachan luachmhor ann; agus chuireadh e air ceann Dhaibhidh; agus thug e a‑mach ro‑mhòran creiche as a’ bhaile. 3 Agus thug e a‑mach an sluagh a bha ann, agus gheàrr e iad le sàibh, agus le innealan-bualaidh iarainn, agus le tuaghan: agus mar seo bhuin Daibhidh ri uile bhailtean chloinn Amoin. Agus thill Daibhidh agus an sluagh uile gu Ierusalem. 4 Agus na dhèidh seo dh’èirich cogadh ann an Gèser ris na Philistich: an sin bhuail Sibechai an Husatach Sipai a bha de shliochd an fhamhair; agus cheannsaicheadh iad. 5 Agus bha a‑rìs cogadh ris na Philistich, agus bhuail Elhanan mac Iair Lahmi, bràthair Gholiath an Giteach, aig an robh crann a shleagha mar gharman figheadair. 6 Agus bha fhathast cogadh ann an Gat, far an robh fear de mheudachd mhòir, agus sia meòir aige air gach làimh, agus sia air gach cois, ceithir-ar‑fhichead an àireamh: agus rugadh esan mar an ceudna don fhamhair. 7 Ach nuair a thug e dùbhlan do Israel, mharbh Ionatan mac Shimea, bràthair Dhaibhidh, e. 8 Rugadh iad sin don fhamhair ann an Gat; agus thuit iad le làimh Dhaibhidh, agus le làimh a sheirbhiseach. |