Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

1 Eachdraidh 2 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Is iad seo mic Israeil: Reuben, Simeon, Lèbhi, agus Iùdah, Isachar, agus Sebulun,

2 Dan, Iòseph, agus Beniàmin, Naphtali, Gad, agus Aser.

3 Mic Iùdah: Er, agus Onan, agus Selah: an triùir seo rugadh dha le nighinn Shuah a’ bhan-Chanàanach. Agus bha Er ciad-ghin Iùdah olc ann an sùilean an Tighearna, agus mharbh e e.

4 Agus rug Tàmar a bhana-chliamhain dha Phares, agus Serah. B’iad uile mhic Iùdah còignear.

5 Mic Phareis: Hesron agus Hamul.

6 Agus mic Sherah: Simri, agus Etan, agus Heman, agus Calcol, agus Dara: còignear dhiubh uile.

7 Agus mic Charmi: Achar, fear-buaireis Israeil, a chiontaich anns an nì mhallaichte,

8 Agus mic Etain: Asariah.

9 Agus mic Hesroin, a rugadh dha: Ierahmeel, agus Ram, agus Chelubai.

10 Agus ghin Ram Aminadab, agus ghin Aminadab Nahson, ceannard chloinn Iùdah;

11 Agus ghin Nahson Salma, agus ghin Salma Bòas,

12 Agus ghin Bòas Obed, agus ghin Obed Iese.

13 Agus ghin Iese a chiad-ghin Eliab, agus Abinadab an dara mac, agus Sima an treas,

14 Netaneel an ceathramh, Radai an còigeamh,

15 Osem an siathamh, Daibhidh an seachdamh:

16 Agus b’iad am peathraichean-san Seruiah agus Abigail. Agus mic Sheruiah: Abisai, agus Ioab, agus Asahel, triùir.

17 Agus rug Abigail Amasa: agus b’e athair Amasa Ieter an t‑Ismeeleach.

18 Agus ghin Càleb mac Hesroin ri Asubah a bhean, Ieriot: b’iad seo mar an ceudna a mic, Ieser, agus Sobab, agus Ardon.

19 Agus nuair a bha Asubah marbh, ghabh Càleb da ionnsaigh Ephrat, a rug Hur dha.

20 Agus ghin Hur Uri, agus ghin Uri Besalil.

21 Agus na dhèidh sin chaidh Hesron a‑steach a dh’ionnsaigh nighean Mhachir, athair Ghilead, agus ghabh e i nuair a bha e trì-fichead bliadhna a dh’aois; agus rug i dha Segub.

22 Agus ghin Segub Iair, aig an robh trì-ar‑fhichead de bhailtean mòra ann an tìr Ghilead.

23 Agus thug e Gesur agus Aram le bailtean Iair uapa, maille ri Cenat agus a bhailtean, eadhon trì-fichead baile mòr: bhuin iad sin uile do mhic Mhachir, athair Ghilead.

24 Agus an dèidh do Hesron bàs fhaghail ann an Càleb-ephratah, an sin rug Abiah bean Hesroin Asur, athair Thecòah, dha.

25 Agus b’iad mic Ierahmeeil, ciad-ghin Hesroin, Ram an ciad-ghin, agus Bunah, agus Oren, agus Osem, agus Ahiah.

26 Bha mar an ceudna bean eile aig Ierahmeel dom b’ainm Atarah: b’ise màthair Onaim.

27 Agus b’iad mic Ram, ciad-ghin Ierahmeeil, Maas, agus Iamin, agus Ecer.

28 Agus b’iad mic Onaim, Samai, agus Iada. Agus mic Shamai: Nàdab agus Abisur.

29 Agus b’e ainm bean Abisuir, Abihail; agus rug i dha Ahban agus Molid.

30 Agus mic Nadaib: Seled agus Apaim: ach fhuair Seled bàs gun chlann.

31 Agus mic Apaim: Isi. Agus mic Isi: Sesan. Agus mic Shesain: Ahlai.

32 Agus mic Iada, bràthair Shamai: Ieter, agus Ionatan: agus fhuair Ieter bàs gun chlann.

33 Agus mic Ionatain: Pelet, agus Sasa. B’iad sin mic Ierahmeeil.

34 A‑nis cha robh aig Sesan mic ach nigheanan: agus bha aig Sesan òglach, Eiphiteach, dom b’ainm Iarha.

35 Agus thug Sesan a nighean da òglach Iarha na mnaoi; agus rug i dha Atai.

36 Agus ghin Atai Nàtan, agus ghin Nàtan Sabad,

37 Agus ghin Sabad Ephlal, agus ghin Ephlal Obed,

38 Agus ghin Obed Iehu, agus ghin Iehu Asariah,

39 Agus ghin Asariah Heles, agus ghin Heles Eleasah,

40 Agus ghin Eleasah Sisamai, agus ghin Sisamai Salum,

41 Agus ghin Salum Iecamiah, agus ghin Iecamiah Elisama.

42 A‑nis b’iad mic Chàleib, bràthair Ierahmeeil, Mesa a chiad-ghin; b’esan athair Shiph; agus mic Mharesah athair Hebroin.

43 Agus mic Hebroin: Corah, agus Tapuah, agus Recem, agus Sema.

44 Agus ghin Sema Raham, athair Iorcoaim: agus ghin Recem Samai.

45 Agus b’e mac Shamai Maon; agus b’e Maon athair Bhet-suir.

46 Agus rug Ephah, coileabach Chàleib, Hàran, agus Mosa, agus Gases: agus ghin Hàran Gases.

47 Agus mic Iahdai: Regem, agus Iotam, agus Gesan, agus Pelet, agus Ephah, agus Saaph.

48 Rug Maachah, coileabach Chàleib, Seber agus Tirhanah.

49 Rug i mar an ceudna Saaph athair Mhadmanah, Sebhah athair Mhachbenah, agus athair Ghibeah: agus b’i nighean Chàleib Achsa.

50 B’iad seo mic Chàleib mhic Huir, ciad-ghin Ephrata: Sobal athair Chiriat-iearim,

51 Salma athair Bhetlehem, Hareph athair Bhet-gadeir.

52 Agus bha aig Sobal, athair Chiriat-iearim, mic: Haroeh, Hatsi, Hameniot.

53 Agus teaghlaichean Chiriat-iearim: na h‑Itrich, agus na Puthich, agus na Sumataich, agus na Misraich: uapasan thàinig na Sereataich, agus na h‑Estaulaich.

54 Mic Shalma: Betlehem, agus na Netophataich, Atarot, taigh Ioaib, agus leth nam Manaheteach, na Soraich.

55 Agus teaghlaichean nan sgrìobhaichean a bha a chòmhnaidh aig Iabes: na Tirataich, na Simeataich, agus na Suchataich. Is iad sin na Cenich a thàinig o Hemat, athair taigh Rechaib.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan