1 Eachdraidh 17 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 A‑nis nuair a bha Daibhidh na shuidhe na thaigh, thubhairt Daibhidh ri Nàtan am fàidh, Feuch, tha mise am chòmhnaidh ann an taigh seudair, ach tha àirc coicheangal an Tighearna fo chùirteanan. 2 Agus thubhairt Nàtan ri Daibhidh, Dèan gach nì a tha ann ad chridhe; oir tha Dia leat. 3 Agus air an oidhche sin fhèin thàinig facal Dhè gu Nàtan, ag ràdh, 4 Falbh agus innis dom òglach Daibhidh, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Cha tog thusa taigh dhòmhsa gu còmhnaidh a ghabhail ann: 5 Oir cha do ghabh mise còmhnaidh ann an taigh on là air an tug mi a‑nìos Israel as an Eiphit gus an là‑an‑diugh, ach bha mi o bhùth gu bùth, agus o phàillean gu pàillean. 6 Ge bè taobh a chaidh mi le Israel uile, an do labhair mi facal ri aon de bhritheamhan Israeil (don d’àithn mi mo shluagh a bheathachadh) ag ràdh, Carson nach do thog sibh dhomh taigh seudair? 7 A‑nis uime sin, mar seo their thu rim sheirbhiseach Daibhidh, Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Thug mi thu o chrò nan caorach, o leantainn nan caorach, gu bhith ad cheannard air mo shluagh Israel: 8 Agus bha mi leat gach taobh a chaidh thu, agus gheàrr mi as do naimhdean uile romhad, agus rinn mi dhut ainm cosmhail ri ainm nan daoine mòra a tha air an talamh. 9 Agus dh’òrdaich mi àite dom shluagh Israel, agus shuidhich mi iad, agus gabhaidh iad còmhnaidh nan àite, agus cha ghluaisear iad tuilleadh: cha mhò a chlaoidheas clann na h‑aingidheachd iad tuilleadh, mar an toiseach, 10 Agus on àm anns an d’àithn mi do bhritheamhan a bhith os cionn mo shluaigh Israeil: agus ceannsaichidh mi do naimhdean uile. Mar an ceudna tha mi ag innse dhut gun tog an Tighearna taigh dhut. 11 Agus nuair a choileanar do làithean, agus gur èiginn dhut triall maille rid athraichean, togaidh mise suas do shliochd ad dhèidh, a bhios ded mhic; agus daingnichidh mi a rìoghachd-san. 12 Togaidh esan taigh dhomh, agus daingnichidh mi a rìgh-chathair gu bràth. 13 Bidh mi am athair dha, agus bidh esan na mhac dhòmhsa, agus cha toir mi mo thròcair air falbh uaithe, mar a thug mi uaithesan a bha romhadsa. 14 Agus suidhichidh mi e ann am thaigh agus ann am rìoghachd gu bràth: agus bidh a rìgh-chathair daingeann gu bràth. 15 A rèir nam briathran seo uile, agus a rèir an taisbeanaidh seo uile, mar sin labhair Nàtan ri Daibhidh. 16 An sin chaidh rìgh Daibhidh a‑steach, agus shuidh e am fianais an Tighearna, agus thubhairt e, Cò mise, O Thighearna Dhè, agus ciod e mo thaigh, gun tug thu mi gu ruige seo? 17 Agus bu bheag seo ad shùilean-sa, O Dhè, oir labhair thu mar an ceudna mu thaigh do sheirbhisich rè aimsir fhada ri teachd, agus thug thu meas orm a rèir staid duine àrd-inbhich, a Thighearna Dhè. 18 Ciod tuilleadh as urrainn Daibhidh a ràdh riut, airson urram do sheirbhisich? Ach is aithne dhut do sheirbhiseach. 19 A Thighearna, is ann airson do sheirbhisich agus a rèir do chridhe fhèin a rinn thu na nithean mòra seo uile, a‑chum gun dèanadh tu na nithean mòra seo gu lèir aithnichte. 20 O Thighearna, chan eil neach ann cosmhail riutsa, agus chan eil Dia ann ach thusa, a rèir gach nì a chuala sinn le ar cluasan. 21 Agus cia an cinneach air thalamh cosmhail rid shluagh Israel, a chaidh Dia a shaoradh mar shluagh dha fhèin, a dhèanamh ainme dhut fhèin, a dhèanamh nithean mòra agus uamhasach le cinnich fhògradh rod shluagh, a shaor thu as an Eiphit? 22 Oir rinn thu do shluagh Israel nan sluagh dhut fhèin gu bràth; agus tha thusa, a Thighearna, ad Dhia aca. 23 A‑nis, matà, a Thighearna, am facal a labhair thu mu thimcheall do sheirbhisich, agus mu thimcheall a thaighe, daingnichear e gu bràth, agus dèan mar a thubhairt thu. 24 Biodh e eadhon air a dhaingneachadh, agus àrdaichear d’ainm-sa gu bràth, ag ràdh, Is e Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, as Dia do Israel: agus biodh taigh Dhaibhidh do sheirbhiseach air a dhaingneachadh ad fhianais. 25 Oir dh’fhoillsich thusa, O mo Dhia, dod sheirbhiseach gun togadh tu taigh dha: uime sin fhuair do sheirbhiseach na chridhe ùrnaigh a dhèanamh ad làthair. 26 Agus a‑nis, a Thighearna, is tu fhèin Dia, agus gheall thu dod sheirbhiseach am maitheas seo. 27 A‑nis uime sin, guma toil leat taigh do sheirbhisich a bheannachadh, a‑chum gum bi e gu bràth ad fhianais: oir nuair a bheannaicheas tusa, a Thighearna, beannaichte bidh e gu bràth. |