1 Eachdraidh 16 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus thug iad a‑steach àirc Dhè, agus chuir iad i ann am meadhon a’ bhùtha a shuidhich Daibhidh air a son: agus thug iad seachad ìobairtean-loisgte agus ìobairtean-sìth am fianais Dhè. 2 Agus nuair a chuir Daibhidh crìoch air na h‑ìobairtean-loisgte a thoirt suas, agus na h‑ìobairtean-sìth, bheannaich e an sluagh ann an ainm an Tighearna. 3 Agus roinn e air gach aon de Israel, eadar fhir agus mhnathan, do gach aon, buileann arain, agus mìr math feòla, agus cupan fìona. 4 Agus dh’òrdaich e cuid de na Lèbhithich a fhrithealadh ro àirc an Tighearna, agus a chur air chuimhne agus a thoirt buidheachais agus cliù don Tighearna Dia Israeil: 5 Aspah an ceann, agus na dhèidh-san Sechariah, an sin Ieiel, agus Semiramot, agus Ieheil, agus Matitiah, agus Eliab, agus Benaiah, agus Obed-edom; agus Ieiel le saltairean agus clàrsaichean; agus Asaph le ciombalan a’ dèanamh fuaim: 6 Benaiah mar an ceudna agus Iahasiel na sagartan, le trompaidean a‑ghnàth ro àirc coicheangal Dhè. 7 An sin air an là sin, thug Daibhidh seachad a’ chiad uair an laoidh mholaidh seo don Tighearna, ann an làimh Asaiph agus a bhràithrean: 8 Molaibh an Tighearna, gairmibh air a ainm, dèanaibh a ghnìomharan aithnichte am measg nan sluagh. 9 Seinnibh dhàsan, seinnibh salm dha, labhraibh air a uile obraichean iongantach-san. 10 Dèanaibh-se uaill na ainm naomh: dèanadh cridhe na muinntir a tha ag iarraidh an Tighearna gàirdeachas. 11 Iarraibh an Tighearna agus a neart, iarraibh a ghnùis a‑ghnàth. 12 Cuimhnichibh a obraichean iongantach a rinn e, a chomharraidhean agus breitheanais a bheòil; 13 O sibhse a shliochd Israeil, a òglaich-san, sibhse a chlann Iàcoib, a dhaoine taghte-san. 14 Is esan an Tighearna ar Dia-ne; air feadh na talmhainn uile tha a bhreitheanais-san. 15 Cuimhnichibh an còmhnaidh a choicheangal, am facal a dh’àithn e do mhìle ginealach; 16 A rinn e ri Abrahàm, agus a mhionnan do Isaac: 17 Agus dhaingnich e sin do Iàcob mar lagh, do Israel mar choicheangal bithbhuan, 18 Ag ràdh, Dhutsa bheir mi fearann Chanàain, crannchur ur n‑oighreachd; 19 Nuair nach robh iad ach ro‑thearc ann an àireamh, agus nan coigrich ann, 20 Agus a chaidh iad o chinneach gu cinneach, agus o rìoghachd gu sluagh eile; 21 Cha do leig e le duine sam bith eucoir a dhèanamh orra; agus smachdaich e rìghrean air an son, 22 Ag ràdh, Na beanaibh rim dhaoine ungte, agus air m’fhàidhean na dèanaibh cron sam bith. 23 Seinnibh don Tighearna, gach uile thìr; foillsichibh o là gu là a shlàinte. 24 Cuiribh a ghlòir an cèill am measg nan cinneach; a obraichean iongantach am measg nan uile shluagh: 25 Oir is mòr an Tighearna, agus ro‑airidh air cliù: agus is adhbhar eagail esan os cionn nan uile dhiathan: 26 Oir is iodhalan uile dhiathan nan cinneach; ach is e an Tighearna a rinn na nèamhan. 27 Tha glòir agus mòralachd na làthair; neart agus subhachas na ionad-san. 28 Thugaibh don Tighearna, sibhse fhineachan nan sluagh, thugaibh don Tighearna urram agus neart. 29 Thugaibh don Tighearna an t‑urram as cubhaidh da ainm: thugaibh tabhartas leibh, agus thigibh na làthair; sleuchdaibh don Tighearna ann am maise na naomhachd. 30 Biodh eagal oirbh na fhianais-san, gach uile thìr: daingnichear an domhan leis, air chor is nach gluaisear e. 31 Biodh na nèamhan ait, agus dèanadh an talamh gàirdeachas; agus abradh iad am measg nan cinneach, Tha an Tighearna a’ rìoghachadh. 32 Beucadh an fhairge, agus a làn; dèanadh a’ mhachair gàirdeachas, agus gach nì a tha innte. 33 An sin seinnidh craobhan na coille gu h‑àrd-ghuthach an làthair an Tighearna, a chionn gu bheil e a’ teachd a thoirt breith air an talamh. 34 Molaibh an Tighearna, oir tha e math; oir gu bràth mairidh a thròcair. 35 Agus abraibh-se, Tèarainn sinn, O Dhè ar slàinte, agus cruinnich ri chèile sinn, agus saor sinn o na cinnich, a‑chum gun toir sinn moladh dod ainm naomh-sa, agus gun dèan sinn uaill ann ad chliù. 36 Beannaichte gu robh an Tighearna Dia Israeil gu saoghal nan saoghal. Agus thubhairt an sluagh uile, Amen, agus chliùthaich iad an Tighearna. 37 Agus dh’fhàg e an sin fa chomhair àirc choicheangal an Tighearna, Asaph agus a bhràithrean, a fhrithealadh air beulaibh na h‑àirce an còmhnaidh, mar a dh’iarradh obair gach là: 38 Agus Obed-edom, agus am bràithrean, ochd agus trì-fichead: Obed-edom mar an ceudna, mac Iedutuin, agus Hosah, nan dorsairean: 39 Agus Sadoc an sagart, agus a bhràithrean na sagartan, fa chomhair pàillean an Tighearna, anns an àit àrd a bha ann an Gibeon, 40 A dh’ìobradh ìobairtean-loisgte don Tighearna air altair na h‑ìobairt-loisgte a‑ghnàth, anns a’ mhadainn agus anns an fheasgar, agus a dhèanamh a rèir gach nì a tha sgrìobhte ann an lagh an Tighearna, a dh’àithn e do Israel: 41 Agus maille riùsan Heman agus Iedutun, agus a’ chuid eile a thaghadh, a ghairmeadh air an ainmean, a thoirt cliù don Tighearna, a chionn gu bheil a thròcair bithbhuan: 42 Eadhon maille riùsan Heman agus Iedutun le trompaidean, agus le ciombalan, a’ dèanamh fuaim, agus le innealan-ciùil Dhè: agus bha mic Iedutuin nan dorsairean. 43 Agus dh’fhalbh an sluagh uile, gach duine da thaigh fhèin: agus thill Daibhidh a bheannachadh a thaighe fhèin. |