1 Eachdraidh 10 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 A‑nis chog na Philistich an aghaidh Israeil; agus theich fir Israeil o fhianais nam Philisteach, agus thuit iad sìos marbh ann an sliabh Ghilbòa. 2 Agus lean na Philistich gu teann an dèidh Shauil, agus an dèidh a chuid mhac; agus bhuail na Philistich Ionatan, agus Abinadab, agus Malchisua, mic Shauil. 3 Agus dh’fhàs an cath cruaidh an aghaidh Shauil, agus chuimsich na fir-bhogha e, agus lotadh e leis na fir-bhogha. 4 An sin thubhairt Saul ri fear-iomchair a arm, Rùisg do chlaidheamh agus sàth tromham e, air eagal gun tig na daoine neo-thimcheall-gheàrrte sin, agus gun gnàthaich iad gu maslach mi. Ach cha dèanadh fear-iomchair a arm sin, oir bha eagal mòr air. Uime sin ghlac Saul claidheamh, agus thuit e air. 5 Agus nuair a chunnaic fear-iomchair a arm gu robh Saul marbh, thuit esan mar an ceudna air a’ chlaidheamh, agus fhuair e bàs. 6 Mar sin fhuair Saul bàs, agus a thriùir mhac, agus dh’eug a thaigh uile anns an aon àm. 7 Agus nuair a chunnaic uile fhir Israeil a bha anns a’ ghleann gun do theich iad, agus gu robh Saul agus a mhic marbh, an sin thrèig iad am bailtean, agus theich iad; agus thàinig na Philistich, agus chòmhnaich iad annta. 8 Agus air an là màireach, nuair a thàinig na Philistich a dh’fhaobhachadh nam marbh, fhuair iad Saul agus a mhic air tuiteam ann an sliabh Ghilbòa. 9 Agus nuair a dh’fhaobhaich iad e, ghlac iad a cheann, agus a airm, agus chuir iad fios do thìr nam Philisteach mun cuairt, gu sgeul a thoirt do thaigh an diathan brèige, agus don t‑sluagh. 10 Agus chuir iad a airm ann an taigh an diathan, agus dhaingnich iad a cheann ann an teampall Dhàgoin. 11 Agus nuair a chuala uile luchd-àiteachaidh Iabeis-ghilead na h‑uile nithean a rinn na Philistich ri Saul, 12 Dh’èirich na fir threuna uile, agus thug iad leo corp Shauil, agus cuirp a chuid mhac, agus thug iad gu Iabes iad, agus dh’adhlaic iad an cnàmhan fon daraig ann an Iabes, agus thraisg iad seachd làithean. 13 Mar seo dh’eug Saul airson a chionta a rinn e an aghaidh an Tighearna, an aghaidh facal an Tighearna nach do ghlèidh e, agus mar an ceudna a chionn gun d’iarr e bean aig an robh leannan-sìth, a dh’fhiosrachadh dhith; 14 Agus nach d’fhiosraich e den Tighearna: uime sin mharbh e e, agus thionndaidh e an rìoghachd a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, mac Iese. |