1 Corintianach 9 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Nach abstol mise? Nach eil mi saor? Nach fhaca mi Iosa Crìosd ar Tighearna? Nach sibhse m’obair anns an Tighearna? 2 Mura eil mi am abstol do dhaoine eile, gidheadh gu cinnteach tha mi dhuibhse; oir is sibhse seula m’abstolachd anns an Tighearna. 3 Is e seo mo fhreagradh don dream a chuireas ceist orm: 4 Nach eil againne comas ithe agus òl? 5 Nach eil againne comas piuthar, bean-phòsda, a thoirt leinn mun cuairt, amhail mar na h‑abstoil eile, agus bràithrean an Tighearna, agus Cèphas? 6 No a bheil mise agus Barnabas a‑mhàin gun chomas againn a bhith saor o obair? 7 Cò a thèid a‑chum cogaidh uair air bith air a chosdas fhèin? Cò a shuidhicheas fìonlios, agus nach ith de a thoradh? No cò a bheathaicheas treud, agus nach blais de bhainne an treud? 8 An ann mar dhuine a tha mi a’ labhairt nan nithean seo? No nach abair an lagh na nithean seo mar an ceudna? 9 Oir tha e sgrìobhte ann an lagh Mhaois, Na cuir ceangal air beul an daimh a tha a’ saltairt an arbhair. A bheil Dia a’ gabhail cùraim de dhaimh? 10 No nach ann gu h‑àraidh air ar son-ne a tha e ag ràdh seo? Gu deimhinn is ann air ar son-ne tha e sgrìobhte: do bhrìgh gur ann an dòchas as còir don treabhaiche treabhadh; agus a‑chum an neach a bhuaileas ann an dòchas, gum bi e na fhear-compàirt de a dhòchas. 11 Ma chuir sinne nithean spioradail dhuibhse, an nì mòr e ma bhuaineas sinn ur nithean feòlmhor-se? 12 Ma tha muinntir eile nan luchd-compàirt den chumhachd seo thairis oirbh, nach mò as còir dhuinne a bhith? Gidheadh, cha do chuir sinn an cumhachd seo an cleachdadh; ach tha sinn a’ fulang nan uile nithean, a‑chum nach cuireamaid bacadh air soisgeul Chrìosd. 13 Nach eil fhios agaibh gu bheil iadsan a tha a’ saothrachadh mu thimcheall nithean naomha air am beathachadh on teampall? Agus iadsan a tha a’ frithealadh don altair, gu bheil co‑roinn aca ris an altair? 14 Agus mar sin dh’òrdaich an Tighearna mar an ceudna dhaibhsan a tha a’ searmonachadh an t‑soisgeil, an teachd-an‑tìr fhaotainn on t‑soisgeul. 15 Ach cha do ghnàthaich mise a h‑aon dhiubh seo, agus cha do sgrìobh mi na nithean seo, a‑chum gun dèante mar sin dhomh: oir b’fheàrr dhomh am bàs fhaghail, na gun cuireadh neach air bith m’uaill ann an neo-bhrìgh. 16 Oir ged shearmonaich mi an soisgeul, chan eil adhbhar uaill agam: oir tha èiginn air a cur orm; seadh, is an‑aoibhinn dhomh, mura searmonaich mi an soisgeul. 17 Oir mas ann gu toileach a tha mi a’ dèanamh seo, tha duais agam: ach mas ann an aghaidh mo thoile, tha ministrealachd air a h‑earbsa rium. 18 Ciod i mo dhuais, mas eadh? Eadhon seo, a‑chum nuair a tha mi a’ searmonachadh an t‑soisgeil, gun suidhichinn soisgeul Chrìosd gun chosdas, a‑chum nach mì‑ghnàthaichinn mo chumhachd anns an t‑soisgeul. 19 Oir ged tha mi saor o na h‑uile dhaoine, gidheadh rinn mi mi fhèin am sheirbhiseach do na h‑uile, a‑chum gun cosnainn an tuilleadh. 20 Agus rinneadh mi do na h‑Iùdhaich mar Iùdhach, a‑chum gun cosnainn na h‑Iùdhaich; dhaibhsan a tha fon lagh, mar dhuine fon lagh, a‑chum gun cosnainn iadsan a tha fon lagh; 21 Dhaibhsan a tha gun lagh, mar dhuine gun lagh (ged nach eil mi gun lagh do Dhia, ach fo lagh do Chrìosd), a‑chum gun cosnainn iadsan a tha gun lagh. 22 Rinneadh mi dhaibhsan a tha anfhann mar dhuine anfhann, a‑chum gun cosnainn an dream a tha anfhann: bha mi anns an uile chruth do na h‑uile dhaoine, a‑chum air gach uile dhòigh gun saorainn cuideigin. 23 Agus seo tha mi a’ dèanamh airson an t‑soisgeil, a‑chum gum bi mi am fhear co‑roinne dheth. 24 Nach eil fhios agaibh iadsan a tha a’ ruith anns a’ bhlàr-rèise, gun ruith iad uile, ach is aon duine a gheibh an duais? Guma h‑amhail a ruitheas sibhse, ionnas gun glac sibh an duais. 25 Agus tha gach uile ghleacair measarra anns na h‑uile nithean: a‑nis tha iadsan a’ dèanamh sin a‑chum gum faigh iad crùn truaillidh; ach sinne airson crùin neo-thruaillidh. 26 Uime sin is amhail a tha mise a’ ruith, chan ann mar gu neo-chinnteach: is amhail a tha mi a’ cur catha, chan ann mar neach a bhuaileas an t‑adhar: 27 Ach tha mi a’ trom-bhualadh mo chuirp, agus ga chur fo smachd: air eagal air chor sam bith an dèidh dhomh searmonachadh do dhream eile, gun cuirear mi fhèin air cùl. |