Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

1 Corintianach 8 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 A‑nis a‑thaobh nithean a dh’ìobradh do iodhalan, tha fhios againn gu bheil eòlas againn uile. Ataidh an t‑eòlas suas, ach bheir gràdh fòghlam.

2 Agus ma tha aon duine a’ saoilsinn gur aithne dha nì sam bith, chan aithne dha aon nì fhathast mar a bu chòir dha aithneachadh.

3 Ach ma tha gràdh aig duine sam bith do Dhia, tha esan air aithneachadh leis.

4 Uime sin, mu thimcheall ithe nan nithean sin a dh’ìobradh do iodhalan, tha fhios againne nach nì air an domhan iodhal, agus nach eil Dia sam bith eile ann ach a h‑aon.

5 Oir ged tha iad ann ris an abrar diathan, mas ann air nèamh no air thalamh (amhail mar tha iomadh dia, agus iomadh tighearna ann),

6 Gidheadh dhuinne chan eil ach aon Dia, an t‑Athair, om bheil na h‑uile nithean, agus sinne air a shon-san; agus aon Tighearna Iosa Crìosd, tre a bheil na h‑uile nithean, agus sinne trìdsan.

7 Gidheadh chan eil an t‑eòlas seo aig na h‑uile dhaoine: oir tha cuid le cogais a‑thaobh an iodhail gus an t‑àm seo, ag ithe a’ bhìdh mar nì a dh’ìobradh do iodhal; agus air dan cogais a bhith anfhann, tha i air a salachadh.

8 Ach cha mhol biadh sinn do Dhia: oir ma dh’itheas sinn, chan fheàirrd sinn e; cha mhò mura ith sinn, is misde sinn e.

9 Ach thugaibh an aire nach bi an comas seo a tha agaibh air aon dòigh na adhbhar oilbheim don dream a tha lag.

10 Oir ma chì neach thusa aig a bheil eòlas a’ suidhe a‑chum bìdh ann an teampall iodhail, nach neartaichear cogais an tì sin a tha lag a‑chum na nithean sin a dh’ìobradh do iodhalan ithe:

11 Agus tre d’eòlas-sa an tèid do bhràthair lag am mugha, airson an d’fhuair Crìosd bàs?

12 Ach le peacachadh dhuibh mar sin an aghaidh nam bràithrean, agus len cogais anfhann a lotadh, tha sibh a’ peacachadh an aghaidh Chrìosd.

13 Uime sin ma bheir biadh adhbhar oilbheim dom bhràthair, chan ith mi feòil a‑chaoidh, a‑chum nach toir mi adhbhar oilbheim dom bhràthair.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan