1 Corintianach 3 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus, a bhràithrean, chan fhaodainn-sa labhairt ribhse mar ri daoine spioradail, ach mar ri daoine feòlmhor, amhail ri naoidheanan ann an Crìosd. 2 Bheathaich mi le bainne sibh, agus chan ann le biadh: oir fhathast cha b’urrainn sibh a ghabhail, agus a‑nis fhèin chan urrainn sibh. 3 Oir tha sibh fhathast feòlmhor: oir a‑thaobh gu bheil farmad nur measg, agus strì, agus aimhreit, nach eil sibh feòlmhor, agus ag imeachd mar dhaoine? 4 Oir nuair a tha neach ag ràdh, Is le Pòl mise; agus neach eile, Is le Apollos mise; nach eil sibh feòlmhor? 5 Cò e mas eadh Pòl, agus cò e Apollos, ach ministearan, tre an do chreid sibh, eadhon mar a thug an Tighearna do gach aon? 6 Shuidhich mise, dh’uisgich Apollos: ach is e Dia a thug am fàs. 7 Uime sin chan eil anns an tì a shuidhicheas no anns an tì a dh’uisgicheas, brìgh sam bith; ach ann an Dia a tha a’ toirt an fhàis. 8 An tì a shuidhicheas, agus an tì a dh’uisgicheas, is aon iad: agus gheibh gach aon a dhuais fhèin, a rèir a shaothair fhèin. 9 Oir is co‑luchd-obrach le Dia sinne: is sibhse treabhachas Dhè, is sibh aitreabh Dhè. 10 A rèir gràs Dhè a thugadh dhòmhsa mar fhear-togail aitreibh glic, leag mi am bunait, agus tha neach eile a’ togail air, ach thugadh gach neach an aire cionnas a thogas e air. 11 Oir bunait eile chan urrainn duine sam bith a leagadh, ach am bunait a leagadh cheana, eadhon Iosa Crìosd. 12 A‑nis ma thogas neach air a’ bhunait seo, òr, airgead, clachan luachmhor, fiodh, feur, connlach; 13 Nìthear obair gach aon duine follaiseach: oir nochdaidh an là i, do bhrìgh gum foillsichear i le teine; agus dearbhaidh an teine obair gach aoin, ciod as gnè dhi. 14 Ma dh’fhanas obair neach sam bith a thog e air, gheibh e duais. 15 Ma loisgear obair neach sam bith, fuilingidh e call: ach saorar e fhèin; gidheadh mar tre theine. 16 Nach eil fhios agaibh gur sibh teampall Dhè, agus gu bheil Spiorad Dhè na chòmhnaidh annaibh? 17 Ma thruailleas neach air bith teampall Dhè, sgriosaidh Dia an tì sin: oir tha teampall Dhè naomh, agus is sibhse e. 18 Na mealladh neach air bith e fhèin: ma shaoileas neach air bith nur measg e fhèin a bhith glic anns an t‑saoghal seo, biodh e na amadan, a‑chum gum bi e glic. 19 Oir is amaideachd aig Dia gliocas an t‑saoghail seo: oir tha e sgrìobhte, Glacaidh e na daoine glice nan innleachdan fhèin. 20 Agus a‑rìs, Is aithne don Tighearna smuaintean nan daoine glice, gur dìomhain iad. 21 Uime sin na dèanadh neach air bith uaill à daoine: oir is leibhse na h‑uile nithean: 22 Mas e Pòl, no Apollos, no Cèphas, no an saoghal, no beatha, no bàs, no nithean a tha làthair, no nithean a tha ri teachd; is leibhse iad uile; 23 Agus is le Crìosd sibhse; agus is le Dia Crìosd. |