Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

1 Corintianach 16 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 A‑nis a‑thaobh an tionail airson nan naomh, mar a dh’òrdaich mi do eaglaisean Ghalàtia, mar sin dèanaibh-se mar an ceudna.

2 Air ciad là gach seachdain, cuireadh gach aon agaibh nì air leth anns an ionmhas a‑chum nach bi tional ri dhèanamh nuair a thig mise.

3 Agus nuair a thig mi, cò air bith iad a mholas sibh le ur litrichean, cuiridh mi iadsan a ghiùlan ur tabhartasan gu Ierusalem.

4 Agus mas iomchaidh mise a dhol mar an ceudna, thèid iadsan am chuideachd.

5 Agus thig mi dur n‑ionnsaigh-se, nuair a thèid mi tro Mhacedònia (oir tha mi a’ dol tro Mhacedònia:)

6 Agus faodaidh e a bhith gum fan mi, no eadhon gun caith mi an geamhradh maille ribh, a‑chum gun toir sibh air m’aghaidh mi, ge bè àite don tèid mi.

7 Oir chan àill leam ur faicinn a‑nis anns an dol seachad; ach tha dùil agam fantainn rè tamaill maille ribh, ma leigeas an Tighearna dhomh.

8 Ach fanaidh mi ann an Ephesus gu Caingis.

9 Oir dh’fhosgladh doras mòr agus èifeachdach dhomh, agus tha mòran eascairdean ann.

10 A‑nis ma thig Timòteus, feuchaibh gum bi e gun eagal maille ribh: oir tha e a’ saothrachadh ann an obair an Tighearna, mar a tha mise.

11 Uime sin na dèanadh neach sam bith tàir air: ach thugaibh air aghaidh e ann an sìth, a‑chum gun tig e am ionnsaigh-sa: oir tha sùil agam ris maille ris na bràithrean.

12 Mu thimcheall ar bràthar Apollos, ghuidh mi gu dùrachdach air teachd dur n‑ionnsaigh-se maille ris na bràithrean: ach cha b’i a thoil air chor sam bith teachd aig an àm seo; ach thig e nuair a gheibh e àm iomchaidh.

13 Dèanaibh faire, seasaibh gu daingeann anns a’ chreideamh, bithibh fearail, bithibh làidir.

14 Biodh ur n‑uile nithean air an dèanamh le gràdh.

15 Agus guidheam oirbh, a bhràithrean (o is aithne dhuibh teaghlach Stephanuis, gur iad ciad-thoradh Achaia, agus gun tug iad iad fhèin a‑chum frithealaidh do na naoimh),

16 Gum bi sibh umhail dan leithidean sin, agus do gach aon a nì obair agus saothair maille rinne.

17 Tha mi subhach ri teachd Stephanuis, agus Fhortunatuis, agus Achaicuis: oir rinn iad suas an nì sin a bha a dh’uireasbhaidh dur taobh-se.

18 Oir thug iad suaimhneas dom spiorad-sa, agus dur spiorad-se: uime sin biodh meas agaibh air an leithidean sin.

19 Tha eaglaisean na h‑Asia a’ cur fàilte oirbh. Tha Acuila agus Priscila, maille ris an eaglais a tha nan taigh, a’ cur mòr-fhàilte oirbh anns an Tighearna.

20 Tha na bràithrean uile a’ cur fàilte oirbh. Cuiribh-se fàilte air a chèile le pòig naoimh.

21 Fàilte uamsa Pòl lem làimh fhèin.

22 Ma tha neach sam bith nach gràdhaich an Tighearna Iosa Crìosd, biodh e na Anatèma, Maranàta.

23 Gu robh gràs an Tighearna Iosa Crìosd maille ribh.

24 Mo ghràdh-sa maille ribh uile ann an Iosa Crìosd. Amen.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan