Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

1 Corintianach 14 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Leanaibh gràdh, agus biodh mòr-mhiann tìodhlacan spioradail oirbh, ach gum bu mhò ur togradh gun dèanadh sibh fàidheadaireachd.

2 Oir an tì a labhras ann an teangaidh choimhich, chan ann ri daoine a labhras e, ach ri Dia: oir chan eil neach sam bith ga thuigsinn; ged tha e anns an spiorad a’ labhairt rùintean diamhair.

3 Ach an tì a tha a’ dèanamh fàidheadaireachd, tha e a’ labhairt ri daoine a‑chum teagaisg, agus a‑chum earail, agus a‑chum comhfhurtachd.

4 An tì a tha a’ labhairt ann an teangaidh choimhich, tha e ga theagasg fhèin: ach an tì a nì fàidheadaireachd, tha e a’ teagasg na h‑eaglais.

5 Bu mhath leam gun labhradh sibh uile le teangaidhean, ach b’fheàrr leam sibh a dhèanamh fàidheadaireachd, oir is mò an tì a nì fàidheadaireachd na an tì a labhras le teangaidhean, mura eadar-theangaich e, a‑chum gum faigheadh an eaglais fòghlam.

6 A‑nis, a bhràithrean, ma thig mi dur n‑ionnsaigh a’ labhairt le teangaidhean, ciod an tairbhe a nì mi dhuibh, mura labhair mi ribh ann am foillseachadh, no an eòlas, no am fàidheadaireachd, no an teagasg?

7 Air an dòigh cheudna, na nithean gun bheatha a nì fuaim, mas pìob no clàrsach, mura dèan iad eadar-dhealachadh nam fuaimean, cionnas a thuigear an nì a sheinnear air a’ phìob no air a’ chlàrsaich?

8 Oir ma bheir a’ ghall-tromp fuaim neo-chinnteach uaipe, cò a dh’ullaicheas e fhèin a‑chum a’ chatha?

9 Is amhail sin sibhse, mura labhair sibh leis an teangaidh briathran so‑thuigsinn, cionnas a dh’aithnichear an nì a labhrar? Oir is ann ris an adhar a labhras sibh.

10 Tha, faodaidh e a bhith, na h‑uiread seo de ghuthan anns an t‑saoghal, agus chan eil a h‑aon dhiubh gun seadh.

11 Uime sin, mura tuig mi brìgh a’ ghutha, bidh mi don tì a labhras, borb; agus bidh an tì a labhras borb dhòmhsa.

12 Mar sin mar an ceudna sibhse do bhrìgh gu bheil dèidh agaibh air tìodhlacan spioradail, iarraibh sibh fhèin a thoirt barrachd a‑chum fòghlam na h‑eaglais.

13 Uime sin, an tì a labhras ann an teangaidh choimhich, guidheadh e gun dèanadh e eadar-theangachadh.

14 Oir ma nì mise ùrnaigh ann an teangaidh choimhich, tha mo spiorad a’ dèanamh ùrnaigh, ach tha mo thuigse neo-thairbheach.

15 Ciod mas eadh? Nì mi ùrnaigh leis an spiorad, agus nì mi ùrnaigh leis an tuigse mar an ceudna: seinnidh mi leis an spiorad, agus seinnidh mi leis an tuigse mar an ceudna.

16 No nuair a bheannaicheas tu leis an spiorad, cionnas a their an tì, a tha ann an àite an duine gun fhòghlam, Amen rid bhreith-buidheachais, o nach aithne dha an nì a tha thu ag ràdh?

17 Oir gu deimhinn tha thusa a’ toirt buidheaichais gu math, gidheadh chan eil an neach eile air a theagasg.

18 Tha mi a’ toirt buidheachais dom Dhia gu bheil mi a’ labhairt le teangaidhean tuilleadh na sibh uile:

19 Ach b’fheàrr leam còig facail a labhairt anns an eaglais lem thuigse, a‑chum gun teagaisginn daoine eile mar an ceudna, na deich mìle facal ann an teangaidhean coimheach.

20 A bhràithrean, na bithibh-se nur leanaban ann an tuigse: gidheadh, ann am mìorun bithibh nur leanaban, ach ann an tuigse bithibh nur daoine foirfe.

21 Tha e sgrìobhte anns an lagh, Labhraidh mi ris a’ phoball seo ann an teangaidhean eile, agus le bilean eile: gidheadh an dèidh sin uile chan èisd iad rium, tha an Tighearna ag ràdh.

22 Uime sin tha teangaidhean coimheach nan comharradh, chan ann don dream a tha a’ creidsinn, ach dhaibhsan a tha mì‑chreidmheach: ach tha fàidheadaireachd chan ann air an son-san nach eil a’ creidsinn, ach air an son-san a tha a’ creidsinn.

23 Uime sin ma chruinnicheas an eaglais uile anns an aon àit, agus ma labhras iad uile le teangaidhean coimheach, agus gun tig dream a tha gun fhòghlam a‑steach, no daoine mì‑chreidmheach, nach abair iad gu bheil sibh air a’ chuthach?

24 Ach ma nì iad uile fàidheadaireachd, agus gun tig duine gun chreideamh a‑steach, no neach a tha gun fhòghlam, cronaichear e leis na h‑uile, agus bheirear breith air leis na h‑uile:

25 Agus mar sin tha nithean falaichte a chridhe air am foillseachadh; agus mar sin, air dha tuiteam air a aghaidh, nì e adhradh do Dhia, ag aithris gu bheil Dia gu fìrinneach annaibhse.

26 Ciod e sin, matà, a bhràithrean? Nuair a tha sibh a’ teachd an ceann a chèile, tha salm, tha teagasg, tha teanga, tha foillseachadh, tha eadar-theangachadh, aig gach aon agaibh. Dèanar na h‑uile nithean a‑chum fòghlaim.

27 Ma labhras aon neach ann an teangaidh choimhich, labhradh dithis, no air a’ chuid as mò triùir, agus sin an dèidh a chèile; agus dèanadh a h‑aon eadar-theangachadh.

28 Ach mura bi eadar-theangair ann, fanadh e na thosd anns an eaglais; no labhradh e ris fhèin, agus ri Dia.

29 Labhradh dithis no triùir de na fàidhean, agus thugadh a’ chuid eile breith.

30 Ach ma dh’fhoillsichear nì do neach eile a tha na shuidhe, biodh an ciad dhuine na thosd.

31 Oir faodaidh sibh uile fàidheadaireachd a dhèanamh, gach aon an dèidh a chèile, a‑chum gum faigh na h‑uile fòghlam, agus na h‑uile comhfhurtachd.

32 Agus tha spioradan nam fàidhean umhail do na fàidhean.

33 Oir chan e Dia ùghdar na mì‑riaghailt, ach na sìthe, mar ann an eaglaisean nan naomh uile.

34 Biodh ur mnathan nan tosd anns na h‑eaglaisean; oir chan eil e ceadaichte dhaibh labhairt; ach is còir dhaibh a bhith umhail, mar tha an lagh mar an ceudna ag ràdh.

35 Agus mas miann leo nì sam bith fhòghlam, feòraicheadh iad dem fir fhèin aig an taigh e: oir is mì‑chiatach do mhnathan labhairt anns an eaglais.

36 An ann uaibhse a thàinig facal Dhè a‑mach? No an ann dur n‑ionnsaigh-se a‑mhàin a thàinig e?

37 Ma shaoileas duine sam bith gur fàidh, no gur duine spioradail e fhèin, aidicheadh e na nithean a tha mise a’ sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh, gur iad àitheantan an Tighearna.

38 Ach ma tha neach sam bith aineolach, biodh e aineolach.

39 Uime sin, a bhràithrean, biodh ro‑thogradh agaibh air fàidheadaireachd a dhèanamh, agus na bacaibh labhairt le teangaidhean.

40 Dèanar na h‑uile nithean gu deagh-mhaiseach, agus a rèir òrdaigh.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan