Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

1 Corintianach 11 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Bithibh-se nur luchd-leanmhainn ormsa, amhail a tha mise air Crìosd.

2 A‑nis tha mi gur moladh, a bhràithrean, do bhrìgh gu bheil cuimhne agaibh ormsa anns na h‑uile nithean, agus gu bheil sibh a’ coimhead nan òrdaighean, mar a thug mise dhuibh iad.

3 Ach bu mhiann leam fios a bhith agaibh gur e Crìosd ceann gach fir, agus gur e am fear ceann na mnà, agus gur e Dia ceann Chrìosd.

4 Gach fear a tha a’ dèanamh ùrnaigh no fàidheadaireachd, agus còmhdach air a cheann, tha e a’ toirt eas-urraim da cheann.

5 Ach gach bean a tha a’ dèanamh ùrnaigh no fàidheadaireachd gun chòmhdach air a ceann, tha i a’ toirt eas-urraim da ceann: oir is ionnan sin agus ged bhiodh i air a bearradh.

6 Oir mura bi còmhdach air ceann na mnà, biodh i air a bearradh mar an ceudna: ach mas grànda do mhnaoi i a bhith air a bearradh no air a lomadh, cuireadh i còmhdach oirre.

7 Oir gun amharas cha chòir do fhear a cheann a chòmhdachadh, do bhrìgh gur e ìomhaigh agus glòir Dhè: ach is i a’ bhean glòir an fhir.

8 Oir chan eil am fear on mhnaoi, ach a’ bhean on fhear.

9 Agus cha do chruthaicheadh am fear airson na mnà, ach a’ bhean airson an fhir.

10 Uime sin is còir don mhnaoi cumhachd a bhith aice air a ceann, airson nan aingeal.

11 Gidheadh, chan eil am fear as eugmhais na mnà, no a’ bhean as eugmhais an fhir, anns an Tighearna.

12 Oir mar a tha a’ bhean on fhear, is amhail sin a tha am fear tre an mhnaoi mar an ceudna: ach is ann o Dhia a tha na h‑uile nithean.

13 Measaibh annaibh fhèin; a bheil e ciatach do mhnaoi ùrnaigh a dhèanamh ri Dia gun chòmhdach air a ceann?

14 Nach eil nàdar fhèin a’ teagasg dhuibh, ma bhios gruag fhada air fear, gur nàir dha e?

15 Ach ma bhios gruag fhada air mnaoi, is glòir dhi e: oir thugadh gruag dhi airson còmhdaich.

16 Ach ma bhios neach air bith connspaideach, chan eil a leithid sin de ghnàthachadh againne, no aig eaglaisean Dhè.

17 A‑nis anns an nì seo a tha mi a’ cur an cèill dhuibh, cha mhol mi sibh, do bhrìgh gu bheil sibh a’ teachd an ceann a chèile, chan ann a‑chum an nì as fheàrr, ach a‑chum an nì as miosa.

18 Oir air tùs, nuair tha sibh a’ cruinneachadh an ceann a chèile anns an eaglais, tha mi a’ cluinntinn gu bheil roinnean nur measg; agus tha mi an cuid ga chreidsinn.

19 Oir is èiginn saobh-chreideamh a bhith nur measg, a‑chum gun dèanar follaiseach an dream a tha dearbhte nur measg.

20 Uime sin nuair a thig sibh an ceann a chèile do aon àite, chan e sin suipear an Tighearna ithe.

21 Oir ithidh gach aon air tùs a shuipear fhèin, agus tha neach acrach, agus neach eile air mhisg.

22 An e nach eil taighean agaibh a‑chum ithe agus òl annta? No a bheil sibh a’ dèanamh tàire air eaglais Dhè, agus a’ nàrachadh na muinntir aig nach eil? Ciod a their mi ribh? Am mol mi sibh anns a’ chùis seo? Cha mhol.

23 Oir fhuair mise on Tighearna an nì mar an ceudna a thug mi dhuibhse, gun do ghlac an Tighearna Iosa aran, anns an oidhche anns an do bhrathadh e:

24 Agus air tabhairt buidheachais, bhris e e, agus thubhairt e, Gabhaibh, ithibh; is e seo mo chorp-sa a tha air a bhriseadh air ur son-se: dèanaibh seo mar chuimhneachan ormsa.

25 Agus air a’ mhodh cheudna an cupan, an dèidh na suipeir, ag ràdh, Is e an cupan seo an coicheangal nuadh ann am fhuil-sa: dèanaibh-se seo, cia minig is a dh’òlas sibh e, mar chuimhneachan ormsa.

26 Oir cia minig is a dh’itheas sibh an t‑aran seo, agus a dh’òlas sibh an cupan seo, tha sibh a’ foillseachadh bàs an Tighearna gus an tig e.

27 Uime sin, ge bè neach a dh’itheas an t‑aran seo, agus a dh’òlas cupan seo an Tighearna gu neo-iomchaidh, bidh e ciontach de chorp agus de fhuil an Tighearna.

28 Ach ceasnaicheadh duine e fhèin, agus mar sin itheadh e den aran seo, agus òladh e den chupan seo:

29 Oir ge bè a dh’itheas agus a dh’òlas gu neo-iomchaidh, tha e ag ithe agus ag òl breitheanais dha fhèin, do bhrìgh nach eil e a’ dèanamh aithne air corp an Tighearna.

30 Air a shon seo tha mòran nur measg lag agus tinn, agus tha mòran nan cadal.

31 Oir nan tugamaid breith oirnn fhèin, cha tugadh breith oirnn.

32 Ach nuair a bheirear breith oirnn, tha sinn air ar smachdachadh leis an Tighearna, a‑chum nach bitheamaid air ar dìteadh maille ris an t‑saoghal.

33 Uime sin, mo bhràithrean, nuair a thig sibh an ceann a chèile a‑chum ithe, fanaibh ri chèile.

34 Agus ma bhios acras air aon neach, itheadh e aig an taigh; a‑chum nach tig sibh an ceann a chèile gu breitheanas. Agus cuiridh mise gach nì eile ann an òrdagh nuair a thig mi.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan