Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

1 Corintianach 1 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Pòl, a ghairmeadh gu bhith na abstol do Iosa Crìosd, tre thoil Dhè, agus Sostenes ar bràthair,

2 A‑chum eaglais Dhè, a tha ann an Corintus, a‑chum an dream a tha air an naomhachadh ann an Iosa Crìosd, air an gairm gu bhith nan naoimh, maille riùsan uile a tha a’ gairm air ainm ar Tighearna Iosa Crìosd anns gach àite, an Tighearna-san, agus ar Tighearna-ne:

3 Gràs dhuibh, agus sìth o Dhia ar n‑Athair, agus on Tighearna Iosa Crìosd.

4 Tha mi a’ toirt buidheachais dom Dhia a‑ghnàth dur taobh, airson gràs Dhè a thugadh dhuibh ann an Iosa Crìosd;

5 Airson gun do rinneadh saoibhir leis-san sibh anns gach uile nì, anns gach ùr‑labhradh, agus anns gach eòlas:

6 A rèir mar a dhaingnicheadh fianais Chrìosd annaibh:

7 Ionnas nach eil sibh an dèidh-làimh ann an tìodhlac sam bith; a’ feitheamh ri foillseachadh ar Tighearna Iosa Crìosd.

8 Neach mar an ceudna a dhaingnicheas sibh gus a’ chrìoch, a‑chum gum bi sibh neo-lochdach ann an là ar Tighearna Iosa Crìosd.

9 Tha Dia fìrinneach, leis an do ghairmeadh sibh a‑chum co‑chomann a mhic, Iosa Crìosd ar Tighearna.

10 A‑nis guidheam oirbh, a bhràithrean, tre ainm ar Tighearna Iosa Crìosd, gun labhair sibh uile an t‑aon nì, agus nach bi roinnean nur measg; ach gum bi sibh ceangailte ri chèile gu diongmhalta ann an aon inntinn, agus ann an aon bharail.

11 Oir nochdadh dhòmhsa, a bhràithrean, mur timcheall-se, leòsan a tha de theaghlach Chloe, gu bheil còmhstri nur measg.

12 A‑nis tha mi ag ràdh seo, gun abair gach aon agaibh, Is le Pòl mise; agus is le Apollos mise; agus is le Cèphas mise; agus is le Crìosd mise.

13 A bheil Crìosd air a roinn? An e Pòl a cheusadh air ur son? No an ann an ainm Phòil a bhaisteadh sibh?

14 Tha mi a’ toirt buidheachais do Dhia nach do bhaist mi aon agaibh, ach Crispus agus Gaius:

15 Air eagal gun abradh neach gun do bhaist mi ann am ainm fhèin.

16 Agus bhaist mi mar an ceudna teaghlach Stephanuis: a thuilleadh air seo, chan fhios dhomh an do bhaist mi aon neach eile.

17 Oir cha do chuir Crìosd mi a bhaisteadh, ach a shearmonachadh an t‑soisgeil; chan ann an gliocas facail, a‑chum nach cuirte crann-ceusaidh Chrìosd an neo-bhrìgh.

18 Oir tha searmonachadh a’ chroinn-cheusaidh na amaideachd dhaibhsan a chaillear; ach dhuinne a shaorar is e cumhachd Dhè e.

19 Oir tha e sgrìobhte, Sgriosaidh mi gliocas nan daoine glice, agus cuiridh mi air cùl tuigse nan daoine tuigseach.

20 Càit a bheil an duine glic? Càit a bheil an sgrìobhaiche? Càit a bheil deasbair an t‑saoghail seo? Nach do rinn Dia gliocas an t‑saoghail seo amaideach?

21 Oir nuair, ann an gliocas Dhè, nach b’aithne don t‑saoghal, tre ghliocas, Dia, bu toil le Dia le amaideachd an t‑searmonachaidh iadsan a thèarnadh a tha a’ creidsinn.

22 Oir tha na h‑Iùdhaich ag iarraidh comharraidh, agus tha na Greugaich a’ sireadh gliocais:

23 Ach tha sinne a’ searmonachadh Chrìosd air a cheusadh, na cheap-tuislidh do na h‑Iùdhaich, agus do na Greugaich na amaideachd;

24 Ach dhaibhsan a tha air an gairm, araon Iùdhaich agus Greugaich, Crìosd cumhachd Dhè, agus gliocas Dhè:

25 Do bhrìgh gur glice amaideachd Dhè na daoine, agus gur treasa anfhainneachd Dhè na daoine.

26 Oir chì sibh fhèin ur gairm, a bhràithrean, nach iomadh iad a tha glic a‑thaobh na feòla, nach iomadh cumhachdach, nach iomadh uasal a tha air an gairm:

27 Ach roghnaich Dia nithean amaideach an t‑saoghail seo, a‑chum gun cuireadh e nàire air na daoine glice; agus roghnaich Dia nithean anfhann an t‑saoghail, a‑chum gun cuireadh e gu nàire na nithean cumhachdach;

28 Agus nithean an‑uasal an t‑saoghail, agus nithean tarcaiseach roghnaich Dia, agus na nithean nach eil ann, a‑chum gun cuireadh e na nithean a tha ann an neo-bhrìgh:

29 Ionnas nach dèanadh feòil sam bith uaill na fhianais.

30 Ach uaithesan tha sibhse ann an Iosa Crìosd, neach a rinneadh dhuinne le Dia na ghliocas, na fhìreantachd, na naomhachadh, agus na shaorsa:

31 A‑chum, a rèir mar a tha e sgrìobhte, An tì a nì uaill, dèanadh e uaill anns an Tighearna.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan